- TIOTAL
- Inbhir Aora
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_045
- ÀITE
- Inbhir Aora
- SGÌRE
- Meadhan Earra-Ghàidheil
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28901
- KEYWORDS
- bailtean beaga
bailtean
tuineachadh

'S e modail de bhaile a th' ann an Inbhir Aora faisg air ceann Loch Fìne air a' chladach an iar. Air òrdughan Ghilleasbaig Chaimbeil, an 3mh Diùc Earra-Ghàidheil, chaidh a' chiad bhaile-iasgaich a leagail agus ath-thogail far a bheil e an-diugh gus an rachadh Caisteal Inbhir Aora a thogail na àite. A bharrachd air na taighean snoga air a' Phrìomh Shràid ùr, thug an Diùc air gum biodh eaglais ùr air a togail ann an dà leth gus am b' urrainn seirbheisean a bhith ann ri taobh a chèile ann an Beurla agus ann an Gàidhlig.
Suas gu 1975, bha Inbhir Aora na bhaile rianachd airson seann Shiorrachd Earra-Ghàidheil. B' ann an Inbhir Aora cuideachd a rugadh Niall Rothach, ùghdar Tales of Para Handy