- TIOTAL
- Taigh-òsta Taigh an Rìgh
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_051
- ÀITE
- Taigh an Rìgh
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28907
- KEYWORDS
- taighean-òsta
togalaichean
turasachd
coiseachd

Tha Taigh-Òsta Taigh an Rìgh aig ceann an iar Mòinteach Rainich faisg air an t-slighe a-steach a Ghleann Comhann. Chaidh a thogail anns an t-17mh linn agus thathar a' smaoineachadh gur e fear de na taighean-òsta as sine ann an Alba. An dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746, chaidh an togalach a chleachdadh mar thaigh-feachd airson saighdearan an Rìgh Sheòrais, a thug an t-ainm dha - Taigh an Rìgh. Tha fear de na rathaidean armailteach aig Seanalair Wade a' dol seachad air. Tha an rathad seo a-nis air a leantainn le Frith Rathad Taobh Siar na Gàidhealtachd thairis air Mòinteach Rainich, seachad air Taigh an Rìgh, suas Staidhre an Deamhain agus gu ruige Ceann Loch Lìobhann