Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Gleann Seile, Taobh Siar Rois
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_059
ÀITE
Gleann Seile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28915
KEYWORDS
gleann seile
taobh siar rois
seumasach
Glen Shiel, Wester Ross

Tha Gleann Seile air Taobh Siar Rois a' ruith airson 10 mìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluainidh le beanntan mòra air gach taobh, a' gabhail a-steach gu tuath, na Còig Peathraichean.

Tha an gleann air grunn de thachartasan eachdraidheil fhaicinn thairis air na linntean, a' gabhail a-steach Blàr Ghlinn Seile. A' leantainn air Ar-a-mach neo-shoirbheachail nan Seumasach ann an 1715, rinn na Seumasaich oidhirp eile air an rìgh-chathair a dhleasadh ann an 1719. Chaidh seo ainmeachadh mar an 'Ar-a-mach Beag'.
Còmhla ris an fheachd Sheumasach, a chaidh a chruinneachadh le Camshronach Loch Iall, Iarla Shìophoirt agus am Morair Seòras Moireach, thàinig timcheall air 300 Spàinneach a ràinig Loch Aillse anns a' Ghiblean 1719. Mheàrrs an fheachd mheasgaichte seo gu Gleann Seile far an do choinnich iad ri na saighdearan Hanobharach. Ged a bha an dà thaobh glè fhreagarrach dha chèile a thaobh meud agus neart, chaidh ruaig a chur air na Seumasaich agus chaidh iad mu sgaoil. Tha an cnoc os cionn làrach a' bhlàir, Sgùrr nan Spàinteach, a' comharrachadh gun robh na Spàinnich an làthair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Gleann Seile, Taobh Siar Rois

ROS

gleann seile; taobh siar rois; seumasach

J I R Martin

Tha Gleann Seile air Taobh Siar Rois a' ruith airson 10 mìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Chluainidh le beanntan mòra air gach taobh, a' gabhail a-steach gu tuath, na Còig Peathraichean. <br /> <br /> Tha an gleann air grunn de thachartasan eachdraidheil fhaicinn thairis air na linntean, a' gabhail a-steach Blàr Ghlinn Seile. A' leantainn air Ar-a-mach neo-shoirbheachail nan Seumasach ann an 1715, rinn na Seumasaich oidhirp eile air an rìgh-chathair a dhleasadh ann an 1719. Chaidh seo ainmeachadh mar an 'Ar-a-mach Beag'. <br /> Còmhla ris an fheachd Sheumasach, a chaidh a chruinneachadh le Camshronach Loch Iall, Iarla Shìophoirt agus am Morair Seòras Moireach, thàinig timcheall air 300 Spàinneach a ràinig Loch Aillse anns a' Ghiblean 1719. Mheàrrs an fheachd mheasgaichte seo gu Gleann Seile far an do choinnich iad ri na saighdearan Hanobharach. Ged a bha an dà thaobh glè fhreagarrach dha chèile a thaobh meud agus neart, chaidh ruaig a chur air na Seumasaich agus chaidh iad mu sgaoil. Tha an cnoc os cionn làrach a' bhlàir, Sgùrr nan Spàinteach, a' comharrachadh gun robh na Spàinnich an làthair