- TIOTAL
- Loch Toilbhe agus Stob Ghobhar
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_088
- ÀITE
- Loch Tulla
- SGÌRE
- Ceann a Deas Latharna
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Gleann Urchaidh 's Innis
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28944
- KEYWORDS
- Earra-Ghàidheal
bàird

Tha Loch Toilbhe 3 cil gu tuath air Drochaid Urchaidh. 'S e a' bheinn ann am meadhan na deilbh, Stob Ghobhar. Tha e 1090m a dh'àirde is inbhe Rothaich aige. Tha e air aon de na ceithir Rothaich sa Mhonadh Dhubh ('s iad na trì eile Stob a' Choire Odhair, Creise agus Meall a' Bhuiridh).
Rugadh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724-1812), am bàrd cliùiteach, air slèibhtean ìochdrach a deas Stob Ghobhar air croit Druim Liaghart faisg air drochaid Bhictòria. Rinn e còmhnaidh san sgìre suas gu 1767 agus ghluais e an uair sin a Dhùn Èideann, far an do dh'fhuirich e an còrr dhe bheatha. Bha nàdar na phrìomh chuspair ann am mòran de bhàrdachd Dhonnchaidh Bhàin. 'S ann airson an dàin 'Moladh Beinn Dòbhrainn' as fheàrr a dh'aithnichear e