Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Rainich agus Sìdh Chailleann
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_097
ÀITE
Loch Raineach
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28951
KEYWORDS
lochan
craobhan
beanntan
cnuic
Loch Rannoch and Schiehallion

Tha Loch Raineach na loch fìor-uisge ann an Siorrachd Pheairt. Bho shear gu siar, tha an loch mu 16 cil (10 mìle) a dh'fhaid. Tha baile Cheann Loch Raineach aig ceann sear an locha, far a bheil Abhainn Theimheil a' sruthadh às an loch. Tha mòinteach Raineach a' sgaoileadh a-mach bho thaobh siar an locha.

Tha Sìdh Chailleann ag èirigh gu 1083 meatairean (3554 t) a dh'àirde is inbhe Rothaich aice. 'S e th' ann an Rothach ach beinn ann an Alba os cionn 3000t (914.4m) a dh'àirde. Ann an 1774 chaidh Sìdh Chailleann a chleachdadh airson deuchainn leis an Reul-eòlaiche Rìoghail aig an àm, Nevil Maskelyne (1732-1811), gus tomad na talmhainn a dhèanamh a-mach. Bha Maskelyne a' co-obrachadh leis an eòlaiche- matamataig Charles Hutton, a thomhais Sìdh Chailleann agus a rinn roinn bheachdach air a' bheinn ann an sliseagan còmhnard aig beàrnan riaghailteach dìreach, gus tomhas-lìonaidh na beinne obrachadh a-mach. Ann a bhith a' dèanamh seo, dh'innlich e loidhnichean-àirde, dòigh-obrach a tha fhathast air a cleachdadh an-diugh ann am mapadh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Rainich agus Sìdh Chailleann

PEAIRT

1970an

lochan; craobhan; beanntan; cnuic

J I R Martin

Tha Loch Raineach na loch fìor-uisge ann an Siorrachd Pheairt. Bho shear gu siar, tha an loch mu 16 cil (10 mìle) a dh'fhaid. Tha baile Cheann Loch Raineach aig ceann sear an locha, far a bheil Abhainn Theimheil a' sruthadh às an loch. Tha mòinteach Raineach a' sgaoileadh a-mach bho thaobh siar an locha.<br /> <br /> Tha Sìdh Chailleann ag èirigh gu 1083 meatairean (3554 t) a dh'àirde is inbhe Rothaich aice. 'S e th' ann an Rothach ach beinn ann an Alba os cionn 3000t (914.4m) a dh'àirde. Ann an 1774 chaidh Sìdh Chailleann a chleachdadh airson deuchainn leis an Reul-eòlaiche Rìoghail aig an àm, Nevil Maskelyne (1732-1811), gus tomad na talmhainn a dhèanamh a-mach. Bha Maskelyne a' co-obrachadh leis an eòlaiche- matamataig Charles Hutton, a thomhais Sìdh Chailleann agus a rinn roinn bheachdach air a' bheinn ann an sliseagan còmhnard aig beàrnan riaghailteach dìreach, gus tomhas-lìonaidh na beinne obrachadh a-mach. Ann a bhith a' dèanamh seo, dh'innlich e loidhnichean-àirde, dòigh-obrach a tha fhathast air a cleachdadh an-diugh ann am mapadh