Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eas Comhann, Gleann Comhann
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_100
ÀITE
Eas Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28954
KEYWORDS
Earra-Ghàidheal
easan
Falls of Coe, Glen Coe

San dealbh seo tha Eas Comhann, ann an Gleann Comhann.

Tha Gleann Comhann co-chiallach ri Murt Dòmhnallaich Ghleann Comhann air 13 An Gearran 1692. Ann an 1689, chaidh Seumas VII a chur far na rìgh-chathrach agus chaidh Uilleam à Orains a chur na àite, ged a mhair iomadh ceann-cinnidh dìleas do Sheumas agus don mhonarcachd Stiùbhartach. Ann an 1691, chaidh aonta a dhèanamh cuidhteachadh urramach a thoirt do na cinn-chinnidh Sheumasach a bha fhathast dìleas do Sheuams VII, a dh'aontaicheadh bòid dìlseachd a thoirt do dh'Uilleam ro 1 Am Faoilleach 1692. Air sgàth iomadh rud a chuir dàil air, cha tug Alasdair Mac Iain, ceannard Clann Dòmhnaill Ghleann Comhann a bhòid gus 5 Am Faoilleach 1692.

Faodar lorg nan òrduighean gus ionnsaigh a thoirt air Clann Dòmhnaill Ghleann Comhann a leantainn dìreach dhan Mhorair Tagraidh, Dalrymple Stair. Roimhe seo bha dlùth-cheanglaichean air a bhith aig Stair ri Seumas VII, agus bha e ro dheònach gum biodh e air fhaicinn dìleas do dh'Uilleam. Air 1 An Gearran 1692 ràinig feachdan Rèiseamaid Earra-Ghàidheal fon Chaiptean Raibeart Caimbeul à Gleann Lìobhann Gleann Comhann. Chaidh òrdugh a thoirt do na saighdearan ionnsaigh a thoirt air 13 An Gearran agus chaidh mu 40 den luchd-cinnidh a mharbhadh, agus an ceannard Alasdair Mac Iain nam measg. Fhuair àireamh air nach eil fios bàs an dèidh seo bhon fhuachd an dèidh dhaibh teicheadh. Gu tric saoilear gur e am murt buirbe Chaimbeulach ach, ged a bha Caimbeulach Ghlinn Lìobhann den chinneadh sin, cha robh a' mhòr-chuid dhe shaighdearan.

Gun teagamh dhoimhnich am murt co-fhaireachdainn airson nan Seumasach air taobh siar na Gàidhealtachd. Ann an rannsachadh pàrlamaideach air an ionnsaigh anns an Iuchar 1695, chaidh a' choire bu mhotha airson a' mhurta a chur air Dalrymple, air nach ro aithreachas sam bith, agus chaidh a chur à dhreuchd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eas Comhann, Gleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

1970an

Earra-Ghàidheal; easan