Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Caol a' Chùirn, Loch Obha
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_108
ÀITE
Loch Obha
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28962
KEYWORDS
Earra-Ghàidheal
caistealan
Kilchurn Castle, Loch Awe

Tha Caisteal Caol a' Chùirn na sheasamh air rubha beag air Loch Obha, siar air Dail Mhàilidh. O thùs b' e eilean a bh' anns an rubha ach ri linn 's mar a thuit ìre an uisge tha a-nis rathad dhan chaisteal fad na tìde.

Thogadh am pìos as tràithe den chaisteal le Sir Cailean Caimbeul, ciad Mhorair Ghleann Urchaidh, ann am meadhan a' 15mh linn. Chaidh Caol a' Chùirn a leudachadh gu mòr eadar 1690-1698 nuair a chaidh tùir agus taighean-feachd a thogail. Bha an caisteal na ghearastan aig an Riaghaltas aig àm Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. Chaidh an caisteal fhàgail ann am meadhan an 18mh linn agus chaill e mhullach ann an 1770. Tha e air a bhith fo chùram Alba Eachdraidheil o na 1950an.

Ann an 1803, 's e a' cur cuairt air Alba, sgrìobh Uilleam Wordsworth an dàn "Address to Kilchurn Castle, Upon Loch Awe", 's e a' bruidhinn air a' chaisteal mar "Child of loud-throated War"

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Caol a' Chùirn, Loch Obha

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna

1970an

Earra-Ghàidheal; caistealan

J I R Martin

Tha Caisteal Caol a' Chùirn na sheasamh air rubha beag air Loch Obha, siar air Dail Mhàilidh. O thùs b' e eilean a bh' anns an rubha ach ri linn 's mar a thuit ìre an uisge tha a-nis rathad dhan chaisteal fad na tìde.<br /> <br /> Thogadh am pìos as tràithe den chaisteal le Sir Cailean Caimbeul, ciad Mhorair Ghleann Urchaidh, ann am meadhan a' 15mh linn. Chaidh Caol a' Chùirn a leudachadh gu mòr eadar 1690-1698 nuair a chaidh tùir agus taighean-feachd a thogail. Bha an caisteal na ghearastan aig an Riaghaltas aig àm Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. Chaidh an caisteal fhàgail ann am meadhan an 18mh linn agus chaill e mhullach ann an 1770. Tha e air a bhith fo chùram Alba Eachdraidheil o na 1950an.<br /> <br /> Ann an 1803, 's e a' cur cuairt air Alba, sgrìobh Uilleam Wordsworth an dàn "Address to Kilchurn Castle, Upon Loch Awe", 's e a' bruidhinn air a' chaisteal mar "Child of loud-throated War"