Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Dubhthaich
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_111
ÀITE
Loch Dubhthaich
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28964
KEYWORDS
loch dubhthaich
uirsgeulan
gleann seile
Loch Duich

Is e loch mara a th' ann an Loch Dubhthaich, sa Ghàidhealtachd air taobh an iar na h-Alba.

Tha Caisteal Eilean Donnain na sheasamh far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Long agus Loch Aillse a' coinneachadh. Ann an 1719, chuir feachdan Bhreatainn mòran dhachaighean ri cladach nan lochan nan teine, sa mhìos ro Bhatal Ghleann Seile.

Tha uirsgeul co-cheangailte ri Loch Dubhthaich ag innse gun deach triùir bhràithrean, a chaidh a dh'iasgach air an loch aon oidhche, a thoirt an taobh le trì maighdeannan-ròin a bha air am bèin a thilgeil, agus air coltas daonna a ghabhail agus a bha a' dannsa ri solas na gealaich air an tràigh. Ghoid na bràithrean na bèin 's iad an dùil na maighdeannan a dhleasadh mar mhnathan dhaibh fhèin. Ach thug am bràthair a b' òige am bian air ais dhan mhaighdinn-ròin 's e air a ghluasad le a h-àmhghair. Airson a choibhneis, thug athair na maighdinn cead dha tadhal air a' mhaighdinn gach naoidheamh oidhche. A thaobh nan dithis bhràithrean eile, chaill am bràthair meadhanach a bhean an dèidh dhan mhaighdinn-ròin a thug e am bruid a bian a lorg, agus loisg am bràthair a bu shine bian a mhnatha gus bacadh a chur oirre, ach loisg e ise gun fhiosta fhad 's a bha e a' dèanamh sin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Dubhthaich

ROS: Loch Aillse

loch dubhthaich; uirsgeulan; gleann seile

J I R Martin

Is e loch mara a th' ann an Loch Dubhthaich, sa Ghàidhealtachd air taobh an iar na h-Alba.<br /> <br /> Tha Caisteal Eilean Donnain na sheasamh far a bheil Loch Dubhthaich, Loch Long agus Loch Aillse a' coinneachadh. Ann an 1719, chuir feachdan Bhreatainn mòran dhachaighean ri cladach nan lochan nan teine, sa mhìos ro Bhatal Ghleann Seile. <br /> <br /> Tha uirsgeul co-cheangailte ri Loch Dubhthaich ag innse gun deach triùir bhràithrean, a chaidh a dh'iasgach air an loch aon oidhche, a thoirt an taobh le trì maighdeannan-ròin a bha air am bèin a thilgeil, agus air coltas daonna a ghabhail agus a bha a' dannsa ri solas na gealaich air an tràigh. Ghoid na bràithrean na bèin 's iad an dùil na maighdeannan a dhleasadh mar mhnathan dhaibh fhèin. Ach thug am bràthair a b' òige am bian air ais dhan mhaighdinn-ròin 's e air a ghluasad le a h-àmhghair. Airson a choibhneis, thug athair na maighdinn cead dha tadhal air a' mhaighdinn gach naoidheamh oidhche. A thaobh nan dithis bhràithrean eile, chaill am bràthair meadhanach a bhean an dèidh dhan mhaighdinn-ròin a thug e am bruid a bian a lorg, agus loisg am bràthair a bu shine bian a mhnatha gus bacadh a chur oirre, ach loisg e ise gun fhiosta fhad 's a bha e a' dèanamh sin