Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_113
ÀITE
An Dòrnaidh
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28966
KEYWORDS
lochan
caistealan
Eilean Donan Castle

Is e eilean beag ann an Loch Dubhthaich air taobh siar Gàidhealtachd na h-Alba, a th' ann an Eilean Donnain. Tha e ceangailte ri tìr-mòr le drochaid agus tha e mu leth mhìle à baile an Dòrnaidh. Tha Eilean Donnain air ainmeachadh às dèidh an Namh Donnan, naomh Ceilteach a chaidh a mharbhadh airson a chreideimh sna Dorch-linntean.

Chaidh an caisteal seo a thogail ann am prìomh ionad far an seasadh e an aghaidh nan Lochlannach, a bha fhathast a' dèanamh ionnsaighean agus creachadh ann an Alba a Tuath. Thairis air na bliadhnachan, leudaich is lùghdaich an caisteal. Chaidh a chleachdadh na ghearastan le na Seumasaich san ochdamh linn deug nuair a bha iad ri ar-a-mach a' cur taic ri Taigh Stiùbhairt is 's ann mar thoradh air sin a chaidh an caisteal a sgrios.

Bha Caisteal Eilean Donnain na làrach fad faisg air dà cheud bliadhna gus an do cheannaich an t-Iar-Chòirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu 1932 nuair a chrìochnaicheadh e, a' cur a' chaisteil air dòigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain

ROS: Loch Aillse

lochan; caistealan

J I R Martin

Is e eilean beag ann an Loch Dubhthaich air taobh siar Gàidhealtachd na h-Alba, a th' ann an Eilean Donnain. Tha e ceangailte ri tìr-mòr le drochaid agus tha e mu leth mhìle à baile an Dòrnaidh. Tha Eilean Donnain air ainmeachadh às dèidh an Namh Donnan, naomh Ceilteach a chaidh a mharbhadh airson a chreideimh sna Dorch-linntean. <br /> <br /> Chaidh an caisteal seo a thogail ann am prìomh ionad far an seasadh e an aghaidh nan Lochlannach, a bha fhathast a' dèanamh ionnsaighean agus creachadh ann an Alba a Tuath. Thairis air na bliadhnachan, leudaich is lùghdaich an caisteal. Chaidh a chleachdadh na ghearastan le na Seumasaich san ochdamh linn deug nuair a bha iad ri ar-a-mach a' cur taic ri Taigh Stiùbhairt is 's ann mar thoradh air sin a chaidh an caisteal a sgrios. <br /> <br /> Bha Caisteal Eilean Donnain na làrach fad faisg air dà cheud bliadhna gus an do cheannaich an t-Iar-Chòirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu 1932 nuair a chrìochnaicheadh e, a' cur a' chaisteil air dòigh