Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Laomainn agus Beinn Laomainn, bho Inbhir Dhùghlais
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_118
ÀITE
Loch Laomainn
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28971
KEYWORDS
lochan
naoimh
Loch Lomond and Ben Lomond, from Inveruglas

San t-sealladh seo tha Loch Laomainn, is Beinn Laomainn sa chùl-raon.

Tha Loch Laomainn 39 cil (24 mìle) a dh'fhaid, agus a chladach a deas na laighe 23 cil (14 mìle) tuath air Glaschu. Tha Beinn Laomainn na sheasamh air cladach sear Loch Laomainn. Tha I 974 meatairean (3195 t) a dh'àirde agus 's i as fhaide deas de na Rothaich. Tha Loch Laomainn agus Beinn Laomainn nam pàirt de Phàirc Nàiseanta nan Trosaichean. Chaidh a' Phàirc, anns a bheil 1865 cilemeatairean ceàrnagach uile gu lèir, a stèidheachadh mar a' chiad Phàirc Nàiseanta aig Alba ann an 2002.

Tha eadar 30-40 eilean air Loch Laomainn. 'S e am fear as motha Innis Mhearain, air a bheil làrach caisteil le iarlan Leamhain agus tobhta manachainn bhon t-7mh linn le caibeal air a choisrigeadh do Naomh Mearain. Air aon de na h-eileanan eile san loch, Innis Caillich, tha tobhta taigh chailleacha-dubha. Tha an togalach bhon 13mh linn, ged a thàinig Naomh Centigerna agus a luchd-leanmhainn dhan eilean an toiseach san 8mh linn. 'S e Innis Caillich cuideachd an t-àite adhlacaidh bu dual do Chlann Ghriogair

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Laomainn agus Beinn Laomainn, bho Inbhir Dhùghlais

1970an

lochan; naoimh

J I R Martin

San t-sealladh seo tha Loch Laomainn, is Beinn Laomainn sa chùl-raon.<br /> <br /> Tha Loch Laomainn 39 cil (24 mìle) a dh'fhaid, agus a chladach a deas na laighe 23 cil (14 mìle) tuath air Glaschu. Tha Beinn Laomainn na sheasamh air cladach sear Loch Laomainn. Tha I 974 meatairean (3195 t) a dh'àirde agus 's i as fhaide deas de na Rothaich. Tha Loch Laomainn agus Beinn Laomainn nam pàirt de Phàirc Nàiseanta nan Trosaichean. Chaidh a' Phàirc, anns a bheil 1865 cilemeatairean ceàrnagach uile gu lèir, a stèidheachadh mar a' chiad Phàirc Nàiseanta aig Alba ann an 2002.<br /> <br /> Tha eadar 30-40 eilean air Loch Laomainn. 'S e am fear as motha Innis Mhearain, air a bheil làrach caisteil le iarlan Leamhain agus tobhta manachainn bhon t-7mh linn le caibeal air a choisrigeadh do Naomh Mearain. Air aon de na h-eileanan eile san loch, Innis Caillich, tha tobhta taigh chailleacha-dubha. Tha an togalach bhon 13mh linn, ged a thàinig Naomh Centigerna agus a luchd-leanmhainn dhan eilean an toiseach san 8mh linn. 'S e Innis Caillich cuideachd an t-àite adhlacaidh bu dual do Chlann Ghriogair