Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bò Ghàidhealach
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_122
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28974
KEYWORDS
crodh Gàidhealach
Highland Cow

Tha crodh Gàidhealach na sheann ghnè de chrodh mart-fheòil le adhaircean fada agus seice fhada, mholach a tha dubh, riabhach, ruadh, buidhe air neo odhar.

Chaidh an gnè seo a thogail air Gàidhealtachd agus Eileanan Siar na h-Alba. Thathas air a bhithth a' cur stoc-sìolachaidh a-null thairis air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh Astràilia agus Ameireaga, bho na 1900an a-mach. Rinneadh an gnè le dà sheòrsa stuic, aon ac' a bha dubh, agus am fear eile ruadh.

Tha crodh Gàidhealach ainmeil mar ghnè tapaidh, le cho garbh 's a tha an t-àite bhon tàinig iad - Gàidhealtachd na h-Alba - le uisge mòr agus gaoth làidir ann. Bidh iad ag ionaltradh, a' criomadh agus ag ithe lusan nach gabh crodh eile. Chan àbhaist dha mòran geir a bhithth air feòil a' chruidh Ghàidhealaich, an taca ri feòil-mairt eile, leis gu bheil iad a' faighinn blàths bho na seicean tiugha, molach aca, seach geir bho uachdar a' chraicinn. Tha an t-seice seo cuideachd gan dèanamh glè fhreagarrach airson nan dùthchannan gu tuath far a bheil gnàth-shìde fhuar ann

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bò Ghàidhealach

crodh Gàidhealach

J I R Martin

Tha crodh Gàidhealach na sheann ghnè de chrodh mart-fheòil le adhaircean fada agus seice fhada, mholach a tha dubh, riabhach, ruadh, buidhe air neo odhar. <br /> <br /> Chaidh an gnè seo a thogail air Gàidhealtachd agus Eileanan Siar na h-Alba. Thathas air a bhithth a' cur stoc-sìolachaidh a-null thairis air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh Astràilia agus Ameireaga, bho na 1900an a-mach. Rinneadh an gnè le dà sheòrsa stuic, aon ac' a bha dubh, agus am fear eile ruadh. <br /> <br /> Tha crodh Gàidhealach ainmeil mar ghnè tapaidh, le cho garbh 's a tha an t-àite bhon tàinig iad - Gàidhealtachd na h-Alba - le uisge mòr agus gaoth làidir ann. Bidh iad ag ionaltradh, a' criomadh agus ag ithe lusan nach gabh crodh eile. Chan àbhaist dha mòran geir a bhithth air feòil a' chruidh Ghàidhealaich, an taca ri feòil-mairt eile, leis gu bheil iad a' faighinn blàths bho na seicean tiugha, molach aca, seach geir bho uachdar a' chraicinn. Tha an t-seice seo cuideachd gan dèanamh glè fhreagarrach airson nan dùthchannan gu tuath far a bheil gnàth-shìde fhuar ann