Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Buain na Mònach
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_124
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28975
KEYWORDS
connadh
lùths
Peat Cutting

Thathas a' buain mhònadh, mar as trice, aig deireadh an earraich le inneal ris an canar tosg (air neo toirsgian, no tairsgeir) air a bheil cas fhada fhiodha le lann ceàrnagach air aon cheann. An toiseach, feumar am fraoch a rùsgadh bho uachdar a' phuill.

Leis a' pholl a-nis air a rùsgadh, thathas a' gearradh na mònach le tosg agus a' sadail nam fàdan air druim a' phuill ach an tiormaich iad. Anns an dealbh seo chithear fear a' gearradh agus fear eile a' sadail; ach uaireannan 's e aon neach a nì an dà rud. Tha eadar-dhealachadh ann an tosgan bho àite gu àite a-rèir 's dè an seòrsa mòna a th' ann. Buainidh fear a tha math air gearradh 1,000 fàd ann an latha.

Aon uair is gu bheil iad air tiormachadh, thathas a' toirt na mòna chun na croit agus a' togail cruach leatha. Tha, gu tric, an aon seòrsa cumadh orra 's a th' air taighean-croite is iad leathann, cam air gach ceann agus a' fàs biorach mu 2 mheatair a dh' àirde. Bha iad uaireannan eadar 4 gu 14 meatairean a dh'fhaid. Tha dòigh dhaoine air togail chruachan a-rèir cleachdaidhean sgìrean agus thathas a' meas chruachan a tha air an togail gu grinn mar phìos-ealain. Tha cruachan mònach cuideachd a' cumail fasgadh ri taighean. Dh' fhaodadh croit suas ri 15,000 is 18,000 fàd a' losgadh air a' bhliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Buain na Mònach

connadh; lùths

J I R Martin

Thathas a' buain mhònadh, mar as trice, aig deireadh an earraich le inneal ris an canar tosg (air neo toirsgian, no tairsgeir) air a bheil cas fhada fhiodha le lann ceàrnagach air aon cheann. An toiseach, feumar am fraoch a rùsgadh bho uachdar a' phuill.<br /> <br /> Leis a' pholl a-nis air a rùsgadh, thathas a' gearradh na mònach le tosg agus a' sadail nam fàdan air druim a' phuill ach an tiormaich iad. Anns an dealbh seo chithear fear a' gearradh agus fear eile a' sadail; ach uaireannan 's e aon neach a nì an dà rud. Tha eadar-dhealachadh ann an tosgan bho àite gu àite a-rèir 's dè an seòrsa mòna a th' ann. Buainidh fear a tha math air gearradh 1,000 fàd ann an latha. <br /> <br /> Aon uair is gu bheil iad air tiormachadh, thathas a' toirt na mòna chun na croit agus a' togail cruach leatha. Tha, gu tric, an aon seòrsa cumadh orra 's a th' air taighean-croite is iad leathann, cam air gach ceann agus a' fàs biorach mu 2 mheatair a dh' àirde. Bha iad uaireannan eadar 4 gu 14 meatairean a dh'fhaid. Tha dòigh dhaoine air togail chruachan a-rèir cleachdaidhean sgìrean agus thathas a' meas chruachan a tha air an togail gu grinn mar phìos-ealain. Tha cruachan mònach cuideachd a' cumail fasgadh ri taighean. Dh' fhaodadh croit suas ri 15,000 is 18,000 fàd a' losgadh air a' bhliadhna