Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Aora
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_132
ÀITE
Inbhir Aora
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28981
KEYWORDS
Earra-Ghàidheal
caistealan
ailtirean
Inveraray Castle

'S e Caisteal Inbhir Aora cathair Ceann-cinnidh nan Caimbeulach, Diùc Earra-Ghàidheal. Aig an àm seo, 's e an caisteal dachaigh an 13mh Diùc, a thàinig a-steach air an tiotal ann an 2001.

Tha dealbhadh tùsail a' chaisteil a' tighinn bho sgeidse a rinneadh ann an 1720 le Sir Iain Vanburgh, ailtire lùchairt Blenheim. Chaochail Vanburgh ann an 1726, agus chaidh an dealbhachadh a leasachadh le na h-ailtirean Roger Morris agus Uilleam Adam. Thòisich an obair togail air a' chaisteal ann an 1746 , ach chaochail Morris agus Adam le chèile ann an 1748, a' fàgail stiùireadh a' phròiseict an urra ri mic Adam, Iain agus Raibeart. Chaidh crìoch a chur air Caisteal Inbhir Aora mu dheireadh ann an 1789.

Tha an caisteal air a thogail air làrach thùsail baile Inbhir Aora. Nuair a bharrantaich treas Diùc Earra-Ghàidheal togail a' chaisteil cho-dhùin e gun togadh e am baile a-rithist aig astar mìle air falbh. Beag air bheag chaidh seann bhaile Inbhir Aora a leagail agus am baile ùr a thogail.

'S e measgachadh de stoidhlichean Baroc, Palladianach agus Gotach a th' anns a' chaisteal agus tha àirneis agus lethean a-staigh bhon 18mh agus 19 linn. Chaidh an caisteal a mhilleadh le teine ann an 1877, agus a-rithist ann an 1975, agus an dèidh sin chaidh ath-nuadhachadh le 12na Diùc Earra-Ghàidheal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Aora

EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora

1970an

Earra-Ghàidheal; caistealan; ailtirean