Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Inbhir Aora, Loch Fìne
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_133
ÀITE
Inbhir Aora
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28982
KEYWORDS
Earra-Ghàidheal
Inveraray, Loch Fyne

Na laighe air Loch Fìne, tha Inbhir Aora na bhaile dealbhaichte a bh' air a thogail san 18mh linn. Bha baile tùsail Inbhir Aora air an làraich air a bheil Caisteal Inbhir Aora a-nis.

Chaidh am pìos den bhaile thùsail anns an robh am baile iasgaich a losgadh le Marcas Mhontròis ann an 1644 's e a' toirt ionnsaighean air na Caimbeulaich. Chaidh Inbhir Aora a dhèanamh na bhorgh rìoghail ann an 1648.

Tràth san 18mh linn cho-dhùin Gilleasbaig Caimbeul, treas Diùc Earra-Ghàidheal, gum biodh baile tùsail Inbhir Aora air a leagail agus air a thogail às ùr far a bheil e an-diugh. Bharrantaich e na h-ailtirean Roger Morris agus Uilleam Adam gus planaichean a dhealbh airson a' bhaile ùir agus airson Caisteal ùr Inbhir Aora, a chaidh a thogail air làrach an t-seann bhaile. Thòisich cladhach airson a' bhaile ùir ann an 1743, ach chaochail Morris agus Adam le chèile ann an 1748, a' fàgail coileanadh na h-obrach an urra ri na h-ailtirean Raibeart Mylne agus mac Uilleim, Iain Adam. Chaidh corra fhear de thoglaichean a' bhaile a chrìochnachadh ro 1751.

Ann an eaglais na paraiste ann an Inbhir Aora, a thogadh eadar 1798-1804, tha balla-sgaraidh meadhanach a leig le seirbheisean Beurla agus Gàidhlig a dhol air adhart aig an aon àm. Na b' anmoiche chaidh leth Gàidhlig na h-eaglais atharrachadh gu talla na h-eaglais.

'S e Inbhir Aora cuideachd àite breith Nèill Rothaich (1863-1930) a sgrìobh sgeulachdan Para Handy. Bha an Rothach a' fuireach ann an Inbhir Aora suas gu 1881 nuair a ghluais e a Ghlaschu. Bha e ag obair na fhear-naidheachd airson grunn phàipearan agus chaidh a dhèanamh na àrd-fhear-naidheachd air Evening Times Ghlaschu nuair nach robh e ach 23. Tha a' chiad nobhail aig an Rothach, 'John Splendid', sgrìobhte ann an 1898, a' dèiligeadh ri ionnsaighean air Caisteal Inbhir Aora le Marcas Mhontròis. Bha an nobhail aige ann an 1899, 'Gillian the Dreamer', cuideachd stèidhichte ann an Inbhir Aora, an turas seo aig an àm às dèidh Cogaidhean Napoleon.

Ann an 1905 chaidh a' chiad tè de sgeulachdan 'Para Handy' leis an Rothach fhoillseachadh ann an Evening News Ghlaschu fon ainm-brèige Hugh Foulis, agus chùm e a' dol gan sgrìobhadh airson a' mhòr-chuid de bheatha-obrach. Sgrìobh an Rothach iomadh nobhail, agus chaidh am fear a b' àirde a bha air a mheas, 'The New Road', fhoillseachadh ann an 1914. Thog An Comunn Gàidhealach carragh-chuimhne do Niall Rothach aig ceann Ghleann Aora ann an 1935. Tha an sgrìobhadh Gàidhlig a th' oirre ag ràdh 'Sàr Litreachas'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture