Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Arcail agus Beinn Stac bho Cheann Loch Biorbhaigh
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_136
ÀITE
Ceann Loch Biorbhaigh
SGÌRE
Eadar Dhà Chaolas agus Diùranais
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28985
KEYWORDS
arcail
beinn stac
ceann loch biorbhaigh
robin cook
Arkle and Ben Stack from Kinlochbervie

Is e beinn ann an Alba a th' ann an Arcail, suidhichte anns a' cheàrnaidh às iomallaiche san iar-thuath de Ghàidhealtachd na h-Alba. Coltach ri na beanntan mòra eile a tha ga cuartachadh, tha a' bheinn air a dèanamh de chlach-eiteig air stèidh de gneiss Leòdhasach. Bhon tha a' chlach-eiteag nas righinne agus cha do bhleith an gneiss a tha mun cuairt oirre.

Tha Beinn Stac ann an sgìre Chataibh. Tha i 721 meatair (2365 troigh) a dh'àirde. Tha i an ear-dheas air Drochaid Lusaird agus an iar-thuath air Loch Mòr agus baile Luirg, air rathad an A838, agus dìreach an iar air Loch Stac tarsainn an A838.

Air 6 Lùnastal 2005 bhàsaich Robin Cook, Rùnaire nan Dùthchannan Cèin san Rìoghachd Aonaichte, an dèidh toirt thairis le grèim cridhe fhad 's a bha e a' sreap Beinn Stac.

Is e baile acarsaid ann an iar thuath Chataibh a th' ann an Ceann Loch Biorbhaigh, ann an sgìre Gàidhealtachd na h-Alba. Ann an 2001 bha an àireamh sluaigh aig 480.

Tha a' chuid as motha den ghnìomhachas san sgìre stèidhte air gnìomhachas èisg. Ged a tha an àireamh loingeis a tha stèidhte ann an Ceann Loch Biorbhaigh caran beag, tha mòran de na bàtaichean à taobh an ear Alba a' cur an èisgair tìr ann an Ceann Loch Biorbhaigh.

Is e an ionad-stòraidh mòr èisg an nì as cudromaiche sa bhaile. Às an seo, tha luchdan èisg gan cur air trugaichean mòra fionnaraichte airson a ghiùlan air an rathad air feadh na Roinn Eòrpa. Tha an ceangal seo ris an t-saoghal mhòr a-muigh agus ris an eaconamaidh ionadail a' ciallachadh gu bheil ceanglaichean rathaid math aig Ceann Loch Biorbhaigh, nuair a smaoinichear air cho iomallach 's a tha e agus an cruinn-eòlas doirbh corrach a tha san sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Arcail agus Beinn Stac bho Cheann Loch Biorbhaigh

CATAIBH: Eadar Dhà Chaolas

arcail; beinn stac; ceann loch biorbhaigh; robin cook