Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàta-smùide
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_142
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28989
KEYWORDS
bàtaichean cargu
Puffer

Thogadh an 'Vic 27' an 1943 le J. Pimblott & Sons Northwich, air abhainn Weaver ann an Cheshire, àireamh oifigeil 168863. Bha i ag obair a' giùlan uisge aig Ros Saoithe agus chaidh a h-obair a chumail le Roinn na Maraireachd mus deach a toirt a-mach à seirbheis an 1962. Bha i na laighe aig Àird Rosain an 1968, is b' ainm dhi VIC27 fhathast, nuair a cheannaich Sir Seumas Miller i bhon a' chompanaidh Glenburn Shipping, Glaschu. Ann an 1969, an dèidh obair leasachaidh, thugadh an t-ainm AULD REEKIE oirre, agus thòisicheadh ga cur gu feum mar eathar trèanaidh airson òigridh a-mach às an Òban. Tha VIC a' ciallachadh Victualing Inshore Craft (le 'Victual' a' ciallachadh solarachadh)

Thathas a-nis air an t-ainm 'MAGGIE' a thoirt oirre, air sgàth a' bhàta-smùide ficseanail bhon a' film 'The Maggie'.

Tha 20.36 meatairean de dh'fhaid innte, le tarsannan de 5.63 meatairean agus ìre tarraing-uisge 2.43 meatairean gun chàil innte. Is i làn cargu, dheigheadh seo an àird gu 5.79 meatairean le truimead mòr a' charbaid-smùide ag adhbhrachadh gun robh am bàta na laighe gu domhainn aig a deireadh. Chaidh tonnachas a' bhàta a chlàradh aig 41 leis an tonnachas iomlan aig 96.83. Bha cuideachd barantas-seòlaidh aice airson coignear mharaiche a ghabhail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàta-smùide

bàtaichean cargu

J I R Martin

Thogadh an 'Vic 27' an 1943 le J. Pimblott & Sons Northwich, air abhainn Weaver ann an Cheshire, àireamh oifigeil 168863. Bha i ag obair a' giùlan uisge aig Ros Saoithe agus chaidh a h-obair a chumail le Roinn na Maraireachd mus deach a toirt a-mach à seirbheis an 1962. Bha i na laighe aig Àird Rosain an 1968, is b' ainm dhi VIC27 fhathast, nuair a cheannaich Sir Seumas Miller i bhon a' chompanaidh Glenburn Shipping, Glaschu. Ann an 1969, an dèidh obair leasachaidh, thugadh an t-ainm AULD REEKIE oirre, agus thòisicheadh ga cur gu feum mar eathar trèanaidh airson òigridh a-mach às an Òban. Tha VIC a' ciallachadh Victualing Inshore Craft (le 'Victual' a' ciallachadh solarachadh)<br /> <br /> Thathas a-nis air an t-ainm 'MAGGIE' a thoirt oirre, air sgàth a' bhàta-smùide ficseanail bhon a' film 'The Maggie'. <br /> <br /> Tha 20.36 meatairean de dh'fhaid innte, le tarsannan de 5.63 meatairean agus ìre tarraing-uisge 2.43 meatairean gun chàil innte. Is i làn cargu, dheigheadh seo an àird gu 5.79 meatairean le truimead mòr a' charbaid-smùide ag adhbhrachadh gun robh am bàta na laighe gu domhainn aig a deireadh. Chaidh tonnachas a' bhàta a chlàradh aig 41 leis an tonnachas iomlan aig 96.83. Bha cuideachd barantas-seòlaidh aice airson coignear mharaiche a ghabhail