Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Oifigear Dualchais Taigh Chearsabhagh (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_16_GD
ÀITE
Loch nam Madadh
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2900
KEYWORDS
dualchas
taighean-tasgaidh

Get Adobe Flash player

'S i Catrìona NicCumhais an t-Oifigear Dualchais aig Taigh Chearsabhagh. Tha i a' toirt iomradh air na tha an lùib na h-obrach agus air na tha a' còrdadh rithe mu bhith ag obair an sin.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

'S mise Caitrìona NicCumhais, agus tha mi ag obair mar oifigear dualchas aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath.

Tha e gu math eadar-dhealaichte, m' obair. Tha mi - tha mi ag obair air an taigh- tasgaidh, agus bidh mi a' cuideachadh Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, em, le taisbeanaidhean mu dheidhinn dualchas Uibhist, agus eachdraidh, agus cuideachd cànan agus mar sineach. Agus bidh mi a' cur ri chèile na taisbeanaidhean agus cuideachd bidh mi ag obair còmhla ri sgoiltean. Bidh sgoiltean a' tighinn a-staigh a Thaigh Chearsabhagh, agus cuideachd bidh mise a' dol a-mach gu sgoiltean cuideachd, agus cuideachd bidh mi ag obair le buidhnean eile, um, coltach ri seann dhaoine a tha a' fuireach anns an ospadal, no seann dhaoine a tha a' fuireach ann an Trìonaid.

Tha e a' còrdadh rium. Tha e dìreach sgoinneil. Tha rudeigin eadar-dhealaichte ann a h-uile latha. Um, ged gu math tric bidh mi ag obair air a' choimpiutair, ach tha rudan eadar-dhealaichte a h-uile latha, 's bidh mi uairean ag obair air taisbeanaidhean, 's uairean aig sgoiltean, 's uaireannan eile bidh mi ag obair còmhla ri Seonag air taobh an ealain cuideachd. So, mar sineach, tha sinn - bidh sinn ag obair còmhla gu math tric.

Àite math a th' ann airson a' choimhearsnachd, agus cuideachd do luchd-turais. So mar sin, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e dìreach sgoinneil, um, àite far am bi daoine a' tighinn a-staigh. Bidh iad a' tighinn a-staigh dhan chafaidh, 's bidh iad a' tighinn a ghabhail biadh, agus a bhruidhinn, 's coimhead air na taisbeanaidhean. Tha e math.

Um, seach gu bheil sinn cho faisg air an aiseag bidh daoine a' tighinn a-staigh an- còmhnaidh, 's tha e an-còmhnaidh uabhasach trang. Agus tha tòrr dhaoine ag obair ann a sheo cuideachd. So, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e math ann an tòrr dhòighean.

Tha mi gu math trang.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Oifigear Dualchais Taigh Chearsabhagh (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

dualchas; taighean-tasgaidh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices