Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Rùm agus Eige bho Àrasaig
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_166
ÀITE
Eigg; Rum
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29008
KEYWORDS
eileanan
cladaichean
tràighean
Rum and Eigg from Arisaig

Dealbh-camara a thogadh faisg air Àrasaig le Eilan Rùm agus Eige sa chùl.

Air taobh a-muigh a' bhaile, tha comhearsnachd sgapte Àrasaig, le taighean, bùithtean agus gnìomhachasan ri taobh an A830,am prìomh rathad chun a' bhaile. Bidh mòran luchd-turais tric a' tadhal a' bhaile, agus e air Loidhne-rèile an Taobh Siar, agus bidh an trèan-smùide on Ghearasdan gu Malaig a' stad ann. Tha bàt'-aiseig ann cuideachd o Loch nan Ceall gu Rùm, Eilean Eige, Eilean nam Muc agus Canaigh.

'S e Eige fear dhe na h-Eileanan Beaga (Ìnnse Gall a-staigh). Tha e mu sheachd mìle far tìr mòr. 'S e An Sgurr, air a dèanamh de làbha, a' chuid as àirde dhen eilean seo. Tha na bearraidhean ann an ceann a tuath Eige aig Bàgh Laig agus Camas Sgiotaig de chlach-ghainmhche shoilleir a bhithos a' dol na cruthan annasach is i a' crìonadh.

Tha Eilean Rùm, fear dhe na h-eileanan a-staigh an Innse Gall far cost' an iar Alba, na ionad tèarmann nàdair is ionad rannsachaidh fiadh-bheatha a thathas ag aithneachadh cudromach gu h-eadar-nàiseanta. 'S e Dualchas Nàdair na h-Alba a tha a' riaghladh an eilein, a tha air a bhithth na Ionad Tèarmann Nàdair (NNR) bho 1957

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Rùm agus Eige bho Àrasaig

INBHIR NIS: Na h-Eileanan Beaga

eileanan; cladaichean; tràighean