Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_167
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29009
KEYWORDS
caistealan
aibhnichean
seallaidhean geamhraidh
sneachd
Inverness Castle

Sealladh de Chaisteal Inbhir Nis san t-sneachda.

Tha caisteal air a bhithth air an làrach seo bhon 12ra linn a-mach. Anns na 500 bliadhna an dèidh seo, chaidh a sgrios agus ath-thogail grunn thursan. Ann an 1163 rinn Maolcolm IV Maor-sìth oighreachail Chaisteal Inbhir Nis de Sheadha MacDhubhaich, dàrna mac a' 5mh Iarla Fiobha. Thugadh an caisteal seachad do Bhaliol ann an 1292 ach, an dèidh do chogadh briseadh ann an 1296, chaidh a ghabhail os làimh le arm Eideird I Shasainn. Chaidh an caisteal fhaighinn air ais le Anndra de Moray rè Cogaidhean na Saorsa, fhuaras a-rithist leis na Sasannaich e, mus deach a thoirt air ais le Bruce a dh' òrdaich leagail a' chaisteil.

Aig deireadh a' 14mh linn, thogadh caisteal ùr air an làrach, ach chaidh a sgrios le Dòmhnall, Triath nan Eilean, ann an 1411. Bliadhna an dèidh sin, thòisich Alasdair Stiùbhart, Iarla Mhàrr air ath-thogail. Chaidh an caisteal a ghabhail os làimh le òrdugh Eideird IV ann an 1463. Chaidh ath-ghlacadh le Alasdair MacDhòmhnaill Loch Aillse ann an 1491. Ann an 1508 bha Iarla Hunndaidh air òrdachadh mar Mhaor-dearg Dualach Inbhir Nis agus mar Riaghladair a' Chaisteil. Ann an 1562 nuair a thàinig Màiri, Bàn-righ na h-Alba a dh'Inbhir Nis chaidh cead faighinn a-steach don chaisteal a dhiùltadh dhi le Alasdair Gòrdanach, neach-tagraidh Hunndaidh. Mu dheireadh chaidh aig na feachdan aice air làmh an uachdair fhaighinn air an luchd-dìon agus chaidh an Gòrdanach a chrochadh. Chaidh a chreachadh, ged nach deach a ghabhail thairis, le Diùc Mhontròs ann an 1643 agus, ceithir bliadhna an dèidh sin, chaidh a ghlacadh le Feachdan Rìoghail. Chaidh an caisteal a dhìth gus an deach a leasachadh ann an 1715 le feachdan a bha dìleas do Dheòrsa I airson a bhithth na àite tèarainte an aghaidh nan Seumasach. Thàinig an eachdraidh bhuaireasach seo gu h-àirde ann an 1746 nuair a dh'òrdaich Teàrlach Eideard Stiùbhart a sgrios. Bha tobhta air an làrach gu 1833.

Tha ceann a deas caisteal an là an-diugh, an taigh-cùirte, a' dol air ais gu 1833-6 agus chaidh an ceann a tuath a chur ris mar phrìosan ann an 1848. Ann an 1901, an dèidh prìosan Phorterfield a thogail, thàinig an roinn sin dhen chaisteal gu bhith na phrìomh-oifis do Phoilis Siorrachd Inbhir Nis agus thàinig an taigh-cùirte gu bhith na Sheòmar Comhairle do Chomhairle Siorrachd Inbhir Nis. An dèidh ath-eagrachaidh an riaghaltais ionadail sna 1970an thàinig e gu bhith na Sheòmar-cùirte don Sgìre

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

caistealan; aibhnichean; seallaidhean geamhraidh; sneachd