- TIOTAL
- Loch Laomainn
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_173
- ÀITE
- Loch Laomainn
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL
- LINN
- 1970an
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29014
- KEYWORDS
- trees
lochs
hills
mountains
landscapes

Tha Loch Laomainn 39 cil (24 mìle) a dh'fhaid, agus a chladach a deas na laighe 23 cil (14 mìle) tuath air Glaschu. Tha Beinn Laomainn na sheasamh air cladach sear Loch Laomainn. Tha I 974 meatairean (3195 t) a dh'àirde agus 's i as fhaide deas de na Rothaich. Tha Loch Laomainn agus Beinn Laomainn nam pàirt de Phàirc Nàiseanta nan Trosaichean. Chaidh a' Phàirc, anns a bheil 1865 cilemeatairean ceàrnagach uile gu lèir, a stèidheachadh mar a' chiad Phàirc Nàiseanta aig Alba ann an 2002.
Tha eadar 30-40 eilean air Loch Laomainn. 'S e am fear as motha Innis Mhearain, air a bheil làrach caisteil le iarlan Leamhain agus tobhta manachainn bhon t-7mh linn le caibeal air a choisrigeadh do Naomh Mearain. Air aon de na h-eileanan eile san loch, Innis Caillich, tha tobhta taigh chailleacha-dubha. Tha an togalach bhon 13mh linn, ged a thàinig Naomh Centigerna agus a luchd-leanmhainn dhan eilean an toiseach san 8mh linn. 'S e Innis Caillich cuideachd an t-àite adhlacaidh bu dual do Chlann Ghriogair