Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Oileanach aig Taigh Chearsabhagh (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_17_GD
ÀITE
Loch nam Madadh
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2903
KEYWORDS
taighean-tasgaidh
turasachd
foghlam

Get Adobe Flash player

Tha Dòmhnall MacFhearghais a' bruidhinn mar oileanach air a' chiad bhliadhna de BA ann an Ealain Ghrinn a tha ga chumail aig Taigh Chearsabhagh. Tha e a' toirt iomradh air na goireasan anns an ionad agus càileachd nan seirbheisean agus an luchd-teagaisg air a' chùrsa.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Mar ionad-ealain tha Taigh Chearsabhagh uabhasach math. Tha tòrr goireasan aca, tha goireasan aca son taisbeanadh, 's tha goireasan aca son, son dealbh camara, son bhidio agus son dìreach print fhèin. Tha, tha mise a' smuaintinn gu bheil a h-uile rud, a h-uile goireas, ann a gheibheadh tu ann an àite sam bith airson, airson ealain gu h-àraidh. Agus cuideachd, tha taigh-tasgaidh aca airson an eilein, agus tha siud gu math cudromach airson an eilein, gu bheil e ann.

Bidh a h-uile seòrsa taisbeanadh aca ann an Taigh Chearsabhagh. Tha iad a' toirt dhachaigh taisbeanaidhean gu math ainmeil. Tha iad a' toirt dhachaigh luchd-ealain gu math ainmeil ann an Alba 's à Breatainn cuideachd airson, airson taisbeanadh.

Bha mi nam oileanach ann an Taigh Chearsabhagh, agus tha e gu math freagarrach. 'S e, 's e ealan a-rithist a bha mi a' dèanamh an sin. Agus an seòrsa cùrsa a th' ann, 's e, mu dheidhinn, cùrsa ealain mu dheidhinn an àrainneachd a th' ann. Agus chan fhaigheadh tu àite a b' fheàrr airson cùrsa mar sin. Tha thu beò san àrainneachd, 's tha e gu math freagarrach a-rithist.

Tha sinn a' dèanamh tòrr obair a-muigh. Cha mhòr nach eil sinn ag obair a-muigh fad an t-siubhail. Tha luchd-teagaisg math ann, agus tha iad cuideachd, a-rithist, a' toirt dhachaigh luchd-teagaisg gu math ainmeil airson seachdain no dhà airson ar teagasg.

Tha e cudromach o chionn 's - tha e air tòrr obraichean a chruthachadh. Agus a h-uile latha tha na ceudan, gu h-àraidh as t-samhradh, tha na ceudan a' dol ann. Tha, tha àite-bìdh ann, an taigh-tasgaidh, agus tha taisbeanadh, tha, is gu h-àraidh ma tha an t-sìde dona chan eil àite, chan eil àite san eilean cho math ris, ri turas a Thaigh Chearsabhagh.

Tha e a' cumail Loch nam Madadh gu math beòthail. Tha oidhcheannan ciùil aca, 's tha taisbeanadh - bidh iad a' fosgladh taisbeanadh ann a h-uile mìos co-dhiù, agus tha siud a' tàladh daoine ann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Oileanach aig Taigh Chearsabhagh (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

taighean-tasgaidh; turasachd; foghlam

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices