Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Beinn Nibheis bhon a' Chorpaich
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_189
ÀITE
Beinn Nibheis
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mhàillidh
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29030
KEYWORDS
cnuic is beanntan
lochan
Ben Nevis from Corpach

Dealbh-camara de Bheinn Nibheis air a thogail bho thaobh bhaile na Còrpaich. Tha a' Chòrpaich air an rathad a tha a' dol dhan iar a dh'ionnsaigh Loch Iall is Malaig.

Rè linn Bhioctoria, bhiodh bàtaichean-pleadhaig a' seòladh suas Loch Linne agus dhan bhàgh aig a' Chòrpaich agus an uair sin gu Slighe-uisge a' Ghlinn Mhòir, nuair a bha feadhainn dhen chiad luchd-siubhail a' gabhail cuairt gu tuath a Loch Nis is Inbhir Nis fhèin.

Dh'fhàs a' Chòrpaich sna 1970an, is daoine a' tighinn a-steach a dh'obair aig a' Mhuilinn Phronnaidh is Phàipeir ùir. Thàinig fàs is leasachadh air a' mhuilinn-shàbhaidh leis gun robh i a' làimhseachadh barrachd is barrachd chraobhan, leis an fhiodh ga chur gu feum anns a' ghnìomhachas-phronnaidh agus le companaidhean-togail. Tha aonadan-gnìomhachais an-diugh, an dà chuid gnìomhachas, tionnsgalachd agus turasachd, sa bhaile dhùthchail seo.

Tha a' Chòrpaich na laighe aig an t-slighe a-steach gu Slighe-uisge a' Ghlinne Mhòir agus mar sin chan eil gnothaichean muireil is luingearachd nan annas dhan choimhearsnachd bhig seo a tha an cois loch mara, so-sheòlta.

'S i Beinn Neibhis, aig 1344 meatair, a' bheinn as àirde ann am Breatainn. Tha iomadh slighe chun a' mhullaich, nam measg 'slighe an luchd turais'. Air druim àrd air an ear-thuath tha tobhtaichean ionad-faire na h-aimsire aig an robh daoine ag obrachadh eadar 1883 agus 1904

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Beinn Nibheis bhon a' Chorpaich

INBHIR NIS: Cill Mhàillidh

cnuic is beanntan; lochan