Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Tobar nan Seachd Ceann
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_190
ÀITE
Inbhir Garadh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29031
KEYWORDS
carraighean-cuimhne
lochan
The Well of the Seven Heads, south of Invergarry

Lorgar Tobar nan Seachd Ceann 1.8 cilemeatair deas air Inbhir Garadh, an cois Loch Omhaich air an taobh siar dhen loch. Chaidh a togail le Còirneal MacDhòmhnaill Mhic Alasdair Ghlinne Garadh ann an 1812, agus tha an liagan a chithear san dealbh os cionn an tobair e na chuimhneachan air eachdraidh oillteil.

Ann an 1663, chaidh dithis mhac le Ceann-cinnidh Chlann Dòmhaill Mhic Alasdair am murt ann an connspaid eadar uncail dhaibh agus a shianar mhac. Chaidh òrdugh mu sgaoil a' sireadh bàs nam murtairean mar dhìoghaltas air an eucoir, agus thàinig trì fichead duine gu taigh nan seachdnar, airson an cur gu bàs. Chaidh na cinn a thoirt far nan corp, agus chaidh an nighe anns an fhuaran seo mus deach an toirt chun a' Chinn-cinnidh ann an Inbhir Garadh. Thathas air a bhith a' gabhail 'Tobar nan Ceann' air an fhuaran seo bhon àm seo.

Tha an sgrìobhadh Gàidhlig a chithear air beulaibh an liagain, ag innse sgeulachd an tobair, agus air mullach a' charraigh-chuimhne tha ìomhaigh de sheachd cinn nam murtairean

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Tobar nan Seachd Ceann

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

carraighean-cuimhne; lochan

J I R Martin

Lorgar Tobar nan Seachd Ceann 1.8 cilemeatair deas air Inbhir Garadh, an cois Loch Omhaich air an taobh siar dhen loch. Chaidh a togail le Còirneal MacDhòmhnaill Mhic Alasdair Ghlinne Garadh ann an 1812, agus tha an liagan a chithear san dealbh os cionn an tobair e na chuimhneachan air eachdraidh oillteil.<br /> <br /> Ann an 1663, chaidh dithis mhac le Ceann-cinnidh Chlann Dòmhaill Mhic Alasdair am murt ann an connspaid eadar uncail dhaibh agus a shianar mhac. Chaidh òrdugh mu sgaoil a' sireadh bàs nam murtairean mar dhìoghaltas air an eucoir, agus thàinig trì fichead duine gu taigh nan seachdnar, airson an cur gu bàs. Chaidh na cinn a thoirt far nan corp, agus chaidh an nighe anns an fhuaran seo mus deach an toirt chun a' Chinn-cinnidh ann an Inbhir Garadh. Thathas air a bhith a' gabhail 'Tobar nan Ceann' air an fhuaran seo bhon àm seo.<br /> <br /> Tha an sgrìobhadh Gàidhlig a chithear air beulaibh an liagain, ag innse sgeulachd an tobair, agus air mullach a' charraigh-chuimhne tha ìomhaigh de sheachd cinn nam murtairean