Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loch Ma-Ruibhe agus An Sleaghach
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_220
ÀITE
Loch Ma-Ruibhe
SGÌRE
Geàrrloch
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Geàrrloch
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29062
KEYWORDS
Loch Ma-Ruibhe
An Sleaghach
Loch Maree and Slioch

'S e Loch Ma-Ruibhe loch ann an Ros agus Cromba ann an iar thuath Gàidhealtachd na h-Alba. Tha e 20 cilemeatair a dh'fhaid agus 4 cilemeatairean a leud far as leatha e, agus 's e an ceathramh loch fìor-uisge as motha ann an Alba. 'S e 28.6 cilemeatairean ceàrnagach (11.0 mìle ceàrnagach) am farsaingeachd uachdair aige.

Tha còig eileanan mòra fo choille ann an Loch Ma-Ruibhe agus còrr is 25 eileanan nas lugha. Tha mainearach caibeil air Eilean Ma-Ruibhe, 's thathar a' creidsinn gur e seo dìthreabh on t-7mh linn a bhuineadh do Naomh Maol Rubha. Air an aon eilean tha badan daraich agus cuilinn a th' air a bhith air an co-cheangal ri seann draoidhean na h-Alba. Bhathar a' cumail a-mach cuideachd gun robh leigheas ann an uisgeachan an locha, 's gun robh a bhith air do chur fon uisge na leigheas airson euslaint-inntinn. Tha eileanan an locha gu lèir nan sgìre glèidhteachais.

'S e An Sleaghach beinn ann an Gàidhealtachd na h-Alba a tha ann an Ros an Iar, ochd cileameatairean tuath air baile Cheann Loch Iùbh. Tha An Sleaghach ag èirigh gu 981 meatair (3281 troigh) 's i gu h-àrd os cionn ceann ear dheas Loch Ma-Ruibhe.

Tha ainm na beinne bhon fhacal sleagh ach chan eil seo follaiseach gus an coimhead thu air An t-Sleaghach bho Lochan Fada ris an iar; às an seo tha mullach ìochdarail Sgùrr an Tuill Bhàin (933 meatairean) a' buadhachadh mar bhinnean caol 's tha e a' toirt ainm dhan bheinn. Gu tric chithear goibhrean fiadhaich air a' bheinn

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loch Ma-Ruibhe agus An Sleaghach

ROS: Geàrrloch

Loch Ma-Ruibhe; An Sleaghach