Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Sleaghach bho Ghrùididh
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_224
ÀITE
Drochaid Ghrùididh
SGÌRE
Am Blàr Dubh
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cunndainn
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29066
KEYWORDS
An Sleaghach
Gleann Ghrùididh
Slioch from Grudie

'S e An Sleaghach beinn ann an Gàidhealtachd na h-Alba a tha ann an Ros an Iar, ochd cileameatairean tuath air baile Cheann Loch Iùbh. Tha An Sleaghach ag èirigh gu 981 meatair (3281 troigh) 's i gu h-àrd os cionn ceann ear dheas Loch Ma-Ruibhe.

Tha ainm na beinne bhon fhacal sleagh ach chan eil seo follaiseach gus an coimhead thu air An t-Sleaghach bho Lochan Fada ris an iar; às an seo tha mullach ìochdarail Sgùrr an Tuill Bhàin (933 meatairean) a' buadhachadh mar bhinnean caol 's tha e a' toirt ainm dhan bheinn. Gu tric chithear goibhrean fiadhaich air a' bheinn.

Tha Gleann Ghrùididh a' ruith gu deas bho Loch Ma-Ruibhe agus tha slighe stalcairean nam fiadh a' toirt cothrom math air faighinn domhainn dha na beanntan is seallaidhean sgoinneil ann de thaobh tuath Bheinn Eighe

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Sleaghach bho Ghrùididh

ROS: Cunndainn

An Sleaghach; Gleann Ghrùididh

J I R Martin

'S e An Sleaghach beinn ann an Gàidhealtachd na h-Alba a tha ann an Ros an Iar, ochd cileameatairean tuath air baile Cheann Loch Iùbh. Tha An Sleaghach ag èirigh gu 981 meatair (3281 troigh) 's i gu h-àrd os cionn ceann ear dheas Loch Ma-Ruibhe. <br /> <br /> Tha ainm na beinne bhon fhacal sleagh ach chan eil seo follaiseach gus an coimhead thu air An t-Sleaghach bho Lochan Fada ris an iar; às an seo tha mullach ìochdarail Sgùrr an Tuill Bhàin (933 meatairean) a' buadhachadh mar bhinnean caol 's tha e a' toirt ainm dhan bheinn. Gu tric chithear goibhrean fiadhaich air a' bheinn.<br /> <br /> Tha Gleann Ghrùididh a' ruith gu deas bho Loch Ma-Ruibhe agus tha slighe stalcairean nam fiadh a' toirt cothrom math air faighinn domhainn dha na beanntan is seallaidhean sgoinneil ann de thaobh tuath Bheinn Eighe