Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Càrn Chùil Lodair
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_227
ÀITE
Mòinteach Chùil Lodair
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29069
KEYWORDS
clàran
cuimhneachan
càrn-cuimhne
Culloden Cairn

Chithear anns an dealbh-chamara seo, an càrn air Monadh Chùl Lodair. Sgrìobhte air a' chàrn leughar, "THE BATTLE OF CULLODEN WAS FOUGHT ON THIS MOOR 16TH APRIL 1746. THE GRAVES OF THE GALLANT HIGHLANDERS WHO FOUGHT FOR SCOTLAND & PRINCE CHARLIE ARE MARKED BY THE NAMES OF THEIR CLANS."

Chaidh an càrn, a tha fichead troigh a dh'àirde, a thogail le Donnchadh Foirbeis à Cùl Lodair. Agus air an Disathairne as fhaisge air an t-16mh dhen Ghiblean gach bliadhna thathas a' cumail seirbheis cuimhneachaidh aig a' chàrn airson na chailleadh sa bhlàr.

Chuireadh Blàr Chùl Lodair air an t-16mh Giblein 1746 eadar luchd-taic Seumasach a' Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart agus arm an Rìgh Hanòbharaich Seòras II. Chaidh am blàr a chumail mar cheann chùisean air adhbharan cràbhach agus poilitigeach a rinn sgaradh eadar cinneadh agus dùthaich. 'S e cho mì-riaraichte 's a bha daoine leis an dòigh riaghlaidh aig an Rìgh Chaitligeach Seumas VII Alba agus II Shasainn a dh'fhàg gun deach cuireadh a chur gu Uilleam à Orange gus strì airson na rìgh-chathair agus a dh'fhàg Seumas a' teicheadh airson na Frainge. 'S e ar-a-mach nan Seumasach an 1745-46 ( am ' Forty-Five') an tè mu dheireadh an ghrunn oidhirpean neo-bhuannachail gus teaghlach nan Stiùbhartach a chur air ais air an rìgh-chathair.

Chaidh bratach nan Seumasach a thogail air an 19mh Lùnastal 1745 aig Gleann Fhionghain agus Teàrlach Eideard Stiùbhart air èigheachd na leas-rìgh agus athair na Rìgh Seumas VIII agus III. Thòisich an t-arm aige a' meàrrsadh gu ruig Lunnainn ach cha d' fhuaradh na bhathas an dùil de thaic ann an Sasainn. Chuir iad romhpa tilleadh don Ghàidhealtachd. Bha arm fo Uilleam Augustus, Diùc Chumberland, am mac a b' òige aig Rìgh Seòras II, gan ruith. Thàinig an dà arm an aghaidh a chèile air Mòinteach Dhruim Athaisidh (mar a chainte ri Cùl Lodair an uair sin).

Bha an t-arm Seumasach na bu lugha ann an àireamh shaighdearan, air an droch uidheamachadh agus gann de dh'armachd-losgaidh agus de dh'eachraidh. Bha iad air meàrrsadh fad na h-oidhche roimhe sin air iomairt neo-shoirbheachail agus bha an t-acras orra (chaidh am biadh fhàgail an Inbhir Nis). A bharrachd air sin, bha am fearann a' freagairt air eachraidh agus air gunnaichean mòra Chumberland agus gu tur mì-fhreagarrach don dòigh cogaidh as fheàrr aig na Seumasaich - an ionnsaigh. Chaidh ruaig a chur air na Seumasaich taobh a-staigh uair a thìde

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Càrn Chùil Lodair

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

clàran; cuimhneachan; càrn-cuimhne