Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Fear-lirics Bi Beò (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_18_GD
ÀITE
Uibhist a Tuath
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2907
KEYWORDS
sgrùdadh mheadhanan
ceòl

Get Adobe Flash player

Tha Seumas MacGillEidsich a' bruidhinn air na phiobraich e gu faclan an òrain Na Seann Daoine a sgrìobhadh. Tha e a' mìneachadh iomraidhean air muinntir an àite agus feadhainn na theaghlach, agus a' cnuasachadh air mar a tha cùisean air atharrachadh na choimhearsnachd.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Seo an taigh aig Kevin De Las Casas, ann an Hogha Gearraidh, air taobh an iar Uibhist a Tuath.

O thùs à Lunnainn, far an robh e a' ruith stiùidio clàraidh proifeiseanta, tha Kevin agus a theaghlach a-nis a' fuireach an seo.

Tha ùidh fhathast aige ann an ceòl, agus tha e air tòiseachadh air òrain a sgrìobhadh cuide ri Seumas MacGillÈidich, a tha a' fuireach faisg air làimh, ann an Solas.

Gu math tric, bidh na beachdan airson òrain ùra a' tachairt sa chidsin.

'S dòcha gun dèan Kevin pìos beag ciùil air a ghiotàr, agus cuiridh Seumas faclan air.

Aig amannan eile, smaoinichidh Seumas air faclan no abairtean a bhios a' dol ri chèile gu math, agus 's dòcha gum bi beachd no dhà aige air fonn a thèid còmhla.

Ma tha an rud a' còrdadh riutha, 's e an ath-cheum a bhith ga leasachadh mar òran a ghabhas seinn air beulaibh dhaoine eile.

Feumaidh iad obair chruaidh a dhèanamh air a seo, agus nì iad sin ann an seòmar eile nas fhreagarraiche.

Tha òran ann, "Na Seann Daoine", a tha a' còrdadh ris an dithis. Tha iad airson a leasachadh airson seinn no clàradh leis a' chòmhlan aca "Bi Beò".

Feumaidh iad a bhith 'g obair air na faclan agus air a' cheòl, agus feumaidh iad aontachadh air mar a chuireas iad na h-innealan ciùil ris an òran.

Aig Lìonacleit, ann am Beinn na Faoghla, tha stiùidio clàraidh anns a' cholaiste.

An dèidh dhaibh tighinn dhan cholaiste tràth gus cùisean a chur air dòigh, tha Kevin is Seumas a' cur an cuid innealan-ciùil air ghleus fhad 's a tha iad a' feitheamh ri Pòl MacIllEathain, a bhios a' cluich an druma.

Thèid an clàradh air adhart mean air mhean.

An toiseach, thèid bann stiùiridh, no "guide track", a chlàradh le dìreach an druma is an giotàr.

'S e seo a' bhunait ris an cuir iad tuilleadh ghuthan agus innealan-ciùil.

'S e an ath-cheum a bhith a' clàradh a' ghiotàir a-rithist.

An uair sin thèid an t-seinn a chur ris - a-rithist mar stiùireadh.

Às dèidh sin, thig barrachd ionnsramaidean a-steach, ceum air cheum, leithid am meur-chlàr is innealan-ciùil eile.

Thairis air an ath uair no dhà thèid clàraidhean a bharrachd a dhèanamh agus a chur ris a' mheasgachadh.

'S e Kevin a nì co-dhùnadh air càite an cuir e gach ionnsramaid sa chlàradh mu dheireadh.

Tha an coimpiutair a' sealltainn far an tig a h-uile h-ionnsramaid a-steach.

Às dèidh trì uairean sa stiùidio, tha an obair bhunaiteach deiseil.

Ged a dh'fheumadh iad tòrr a bharrachd a dhèanamh gus gleans proifeiseanta a thoirt air a' chlàradh, tha a' chiad CD aig "Bi Beò" a-nis deiseil.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Fear-lirics Bi Beò (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

sgrùdadh mheadhanan; ceòl

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices