Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bean Laoghal agus Caolas Thunga
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_236
ÀITE
Caolas Thunga
SGÌRE
Tunga agus Fàrr
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29078
KEYWORDS
Bean Laoghal
Caolas Thunga
Ben Loyal and Kyle of Tongue

'S e Beinn Laoghal beinn iomallach 764m a dh'àirde ann an Cataibh, aig bàrr iar thuath Gàidhealtachd na h-Alba.

'S e Corbett a tha seo a tha deas air Caolas Thunga, agus tha e a' toirt sealladh math den Chaolas, Loch Laoghal gu sear, agus Beinn Hòb gu siar.

Tha cumadh sònraichte aice mar thoradh air na ceithir binneanan creagach aice, am fear as àirde dhiubh leis an ainm An Caisteal.

Gu tuath air A' Chaisteal tha Sgòr Chaonasaid (712m), A' Bheinn Bheag (744 m) gu deas agus druim Sgòr a' Chèirich, 644 m aig a binnean as àirde, dhan taobh an iar. 'S e Sgòr Fionnaich, 568m, an ceathramh mullach.

'S e Tunga (on t-Seann Lochlannach) baile beag tràghad ann an iarthuath na Gàidhealtachd, ann an Alba (ann an sgìre an iar den t-seann Siorrachd Chataibh).

A dh'aindeoin na shaoileas mòran, chan ann air cumadh Chaolas Thunga, a dh'fhaodadh tu ràdh a tha ann an cumadh teanga, a thàinig an t-ainm, ach bho 'tunga', facal o chruinn-eòlas a' buntainn ri pìos fearainn air cumadh teanga.

'S ann air a' phìos talmhainn seo, air a bheil am baile beag agus an caolas rin lorg, a tha moraine deireannach eigh-shruth Chaolas Thunga.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bean Laoghal agus Caolas Thunga

CATAIBH

Bean Laoghal; Caolas Thunga