Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Am Monadh Ruadh bho Loch Mhùrlaig
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_237
ÀITE
Loch Mhùrlaig
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29079
KEYWORDS
cnuic is beanntan
lochan
Cairngorms from Loch Morlich

'S e loch fìor-uisge a th' ann an Loch Mhùrlaig ann an sgìre Bhàideanach is Srath Spè air a' Ghàidhealtachd. Lorgar an loch mu 6 mìle sìos an rathad bhon Aghaidh Mhòir, a dh'ionnsaigh Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Tha an loch a' tarraing mòran choisichean, is iad a' gabhail na cuairt 5.5km mu thimcheall an locha. Tha mòran spòrs gan cumail air an loch le seòladh is currachadh nam measg.

Tha Am Monadh Ruadh na shreath bheanntan air taobh siar Gàidhealtachd na h-Alba. Lorgar anns a' Mhonadh Ruadh an talamh àrd, còmhnard ('plateaux') as àirde, as fhuaire agus as sneachdaile a gheibhear ann am Breatainn. Lorgar cuideachd anns a' Mhonadh Ruadh còig dhe na sia beanntan as àirde ann an Alba: Beinn Mac Duibh (1309 m), Am Bràigh Riabhach (1296 m), Càrn an t-Sabhail (1293 m) Sgor an Lochain Uaine (1258 m) agus An Càrn Gorm (1245 m).

'S e Beanntan 'Munro' a th' annta uile, agus tha 13 beanntan eile dhiubh sin san sgìre, le còig ac' am measg nan còig bheanntan thar fhichead san dùthaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Am Monadh Ruadh bho Loch Mhùrlaig

INBHIR NIS: Obar Neithich 's Cinn Chàrdainn

cnuic is beanntan; lochan

J I R Martin

'S e loch fìor-uisge a th' ann an Loch Mhùrlaig ann an sgìre Bhàideanach is Srath Spè air a' Ghàidhealtachd. Lorgar an loch mu 6 mìle sìos an rathad bhon Aghaidh Mhòir, a dh'ionnsaigh Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh. Tha an loch a' tarraing mòran choisichean, is iad a' gabhail na cuairt 5.5km mu thimcheall an locha. Tha mòran spòrs gan cumail air an loch le seòladh is currachadh nam measg. <br /> <br /> Tha Am Monadh Ruadh na shreath bheanntan air taobh siar Gàidhealtachd na h-Alba. Lorgar anns a' Mhonadh Ruadh an talamh àrd, còmhnard ('plateaux') as àirde, as fhuaire agus as sneachdaile a gheibhear ann am Breatainn. Lorgar cuideachd anns a' Mhonadh Ruadh còig dhe na sia beanntan as àirde ann an Alba: Beinn Mac Duibh (1309 m), Am Bràigh Riabhach (1296 m), Càrn an t-Sabhail (1293 m) Sgor an Lochain Uaine (1258 m) agus An Càrn Gorm (1245 m).<br /> <br /> 'S e Beanntan 'Munro' a th' annta uile, agus tha 13 beanntan eile dhiubh sin san sgìre, le còig ac' am measg nan còig bheanntan thar fhichead san dùthaich