Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-feachd Ruadhainn
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_253
ÀITE
Taigh-feachd Ruadhainn
SGÌRE
Cinn a' Ghiùthsaich
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29088
KEYWORDS
castles
barracks
ruins
hills
forts
Ruthven Barracks

Tha Taigh-feachd Ruadhainn, faisg air Ruadhainn,air fear dhe na taighean-feachd as lugha ach as fheàrr air a chumail dhe na ceithir taighean-feachd a thogadh an 1719 an dèidh ar-a-mach nan Seumasach an 1715. Tha e air tom seann chaisteil, le dà thogalach sa bheil trì làir (le dà sheòmar air gach aon ac') air dà thaobh dheth. Bha tuill air feadh an taigh-feachd, agus na ballachan mun cuairt air, airson losgadh mhusgan, agus chaidh tùir a thogail aig còrnairean an taigh-feachd, mu choinneamh a-chèile.

Rinneadh sgrios air a' chaid chaisteal an 1451, ach thogadh a-rithist e an 1459 mar dhaingneach na bu mhotha. Bhathas a' sabaid air a shon rè nan Cogaidhean Catharra gus chaidh a dhroch mhilleadh le Morair Dhùn Dhèagh, 'Bonnie Dundee' agus na Seumasaich sa chaid ar-a-mach an 1689.

An dèidh ar-a-mach nan Seumasach an 1715, chuir an Riaghaltas roimhe barrachd smachd a chumail air a' Ghàidhealtachd agus, a chùm seo, thogadh ceithir taighean-feachd daingnichte an làraichean ro-innleachdail. B' e Taigh-feachd Ruadhainn fear dhiubh, agus chaidh na bha air fhàgail dhen chaisteal a bh' ann roimhe a thoirt air falbh airson an togalaich a chithear an-diugh. Thug obair-togail an taigh-feachd tòrr na b' fhaide na bhathas an dùil, agus chuireadh crìoch air an 1721

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-feachd Ruadhainn

INBHIR NIS: Ceann a' Ghiùthasaich 's Innis

castles; barracks; ruins; hills; forts

J I R Martin

Tha Taigh-feachd Ruadhainn, faisg air Ruadhainn,air fear dhe na taighean-feachd as lugha ach as fheàrr air a chumail dhe na ceithir taighean-feachd a thogadh an 1719 an dèidh ar-a-mach nan Seumasach an 1715. Tha e air tom seann chaisteil, le dà thogalach sa bheil trì làir (le dà sheòmar air gach aon ac') air dà thaobh dheth. Bha tuill air feadh an taigh-feachd, agus na ballachan mun cuairt air, airson losgadh mhusgan, agus chaidh tùir a thogail aig còrnairean an taigh-feachd, mu choinneamh a-chèile.<br /> <br /> Rinneadh sgrios air a' chaid chaisteal an 1451, ach thogadh a-rithist e an 1459 mar dhaingneach na bu mhotha. Bhathas a' sabaid air a shon rè nan Cogaidhean Catharra gus chaidh a dhroch mhilleadh le Morair Dhùn Dhèagh, 'Bonnie Dundee' agus na Seumasaich sa chaid ar-a-mach an 1689.<br /> <br /> An dèidh ar-a-mach nan Seumasach an 1715, chuir an Riaghaltas roimhe barrachd smachd a chumail air a' Ghàidhealtachd agus, a chùm seo, thogadh ceithir taighean-feachd daingnichte an làraichean ro-innleachdail. B' e Taigh-feachd Ruadhainn fear dhiubh, agus chaidh na bha air fhàgail dhen chaisteal a bh' ann roimhe a thoirt air falbh airson an togalaich a chithear an-diugh. Thug obair-togail an taigh-feachd tòrr na b' fhaide na bhathas an dùil, agus chuireadh crìoch air an 1721