Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trì Peathraichean, Gleann Comhann
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_278
ÀITE
Na Trì Peathraichean, Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29099
KEYWORDS
Earra-Ghàidheal
beanntan
cnuic
The Three Sisters, Glen Coe

Tha Trì Peathraichean Ghleann Comhann nam pàirt den Rothach iom-fhillte Bidean nam Bian. Canar Beinn Fhada, Geàrr Aonach agus Aonach Dubh ri na trì dromannan casa seo fa leth. San dealbh seo chithear a dhà de na Trì Peathraichean. Air taobh clì na deilbh chithear Geàrr Aonach san roi-ionad, agus Aonach Dubh ris a' chùl.

Eadar Beinn Fhada agus Geàrr Aonach tha gleann, Coire Gabhail. Gu tric canar ris gu conaltrach An Gleann Falaichte no An Gleann Caillte. Bho Ghleann Comhann, tha Coire Gabhail air a dùnadh le maom-thalmhainn eigh-shruthach, agus tha coltas mòr-ghile cumhaing air. Ach, seachad air a' mhaom-thalmhainn eigh-shruthach tha ùrlar a' ghlinne leathann agus còmhnard. Thathar a' creidsinn gun do chleachd Clann Dòmhnaill Coire Gabhail gus crodh a bh' air an creach fhalach.

Tha Gleann Comhann co-chiallach ri Murt Dòmhnallaich Ghleann Comhann air 13 An Gearran 1692. Ann an 1689, chaidh Seumas VII a chur far na rìgh-chathrach agus chaidh Uilleam à Orains a chur na àite, ged a mhair iomadh ceann-cinnidh dìleas do Sheumas agus don mhonarcachd Stiùbhartach. Ann an 1691, chaidh aonta a dhèanamh cuidhteachadh urramach a thoirt do na cinn-chinnidh Sheumasach a bha fhathast dìleas do Sheuams VII, a dh'aontaicheadh bòid dìlseachd a thoirt do dh'Uilleam ro 1 Am Faoilleach 1692. Air sgàth iomadh rud a chuir dàil air, cha tug Alasdair Mac Iain, ceannard Clann Dòmhnaill Ghleann Comhann a bhòid gus 5 Am Faoilleach 1692.

Faodar lorg nan òrduighean gus ionnsaigh a thoirt air Clann Dòmhnaill Ghleann Comhann a leantainn dìreach dhan Mhorair Tagraidh, Dalrymple Stair. Roimhe seo bha dlùth-cheanglaichean air a bhith aig Stair ri Seumas VII, agus bha e ro dheònach gum biodh e air fhaicinn dìleas do dh'Uilleam. Air 1 An Gearran 1692 ràinig feachdan Rèiseamaid Earra-Ghàidheal fon Chaiptean Raibeart Caimbeul à Gleann Lìobhann Gleann Comhann. Chaidh òrdugh a thoirt do na saighdearan ionnsaigh a thoirt air 13 An Gearran agus chaidh mu 40 den luchd-cinnidh a mharbhadh, agus an ceannard Alasdair Mac Iain nam measg. Fhuair àireamh air nach eil fios bàs an dèidh seo bhon fhuachd an dèidh dhaibh teicheadh. Gu tric saoilear gur e am murt buirbe Chaimbeulach ach, ged a bha Caimbeulach Ghlinn Lìobhann den chinneadh sin, cha robh a' mhòr-chuid dhe shaighdearan.

Gun teagamh dhoimhnich am murt co-fhaireachdainn airson nan Seumasach air taobh siar na Gàidhealtachd. Ann an rannsachadh pàrlamaideach air an ionnsaigh anns an Iuchar 1695, chaidh a' choire bu mhotha airson a' mhurta a chur air Dalrymple, air nach ro aithreachas sam bith, agus chaidh a chur à dhreuchd

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trì Peathraichean, Gleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

1970an

Earra-Ghàidheal; beanntan; cnuic