Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh, Loch Fhaschoille
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_285
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29100
KEYWORDS
Siorrachd Pheairt
Clunie Memorial Arch, Loch Faskally

Tha Loch Fhaschoille na thasgadh-uisge fuadain gu tuath air Baile Chloichridh, agus tha e na phàirt de sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Thòisich obair air an sgeama sna 1930an, agus tha a-nis grunn stèiseanan cumhachd agus tasgaidhean-uisge eadar Baile Chloichrigh san ear, Dail Chluinnidh gu tuath agus Mòinteach Raineach gu siar.

'S e Loch Fhaschoille an tasgadh-uisge mu dheireadh air Sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Bidh uisge a' sruthadh bho Loch Theimheil agus a' dol tro thunail gu Stèisean Cumhachd Chluanaidh mus ruig e Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichridh air Loch Fhaschoille. Tha Loch Fhaschoille air a chumail air ais le Dam Bhaile Chloichridh, a thogadh eadar 1947-50. San Dam tha cuideachd fàradh-èisg, a leigeas le bradain a dhol suas an abhainn gu na h-àitean sìolachaidh aca.

Tha Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh air taobh iar-thuath Loch Faschoille. Chaidh a thogail air an aon mheudachd ris an tunail a tha a' giùlain uisge eadar Loch Theimheil agus Stèisean cumhachd Chluanaidh. Tha an tunail fhèin 2791 meatairean (9158 t) a dh'fhaid agus thugadh 400,000 tunna de chloich air falbh aig àm a thogail

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh, Loch Fhaschoille

PEAIRT: Maoilinn

1970an

Siorrachd Pheairt

J I R Martin

Tha Loch Fhaschoille na thasgadh-uisge fuadain gu tuath air Baile Chloichridh, agus tha e na phàirt de sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Thòisich obair air an sgeama sna 1930an, agus tha a-nis grunn stèiseanan cumhachd agus tasgaidhean-uisge eadar Baile Chloichrigh san ear, Dail Chluinnidh gu tuath agus Mòinteach Raineach gu siar.<br /> <br /> 'S e Loch Fhaschoille an tasgadh-uisge mu dheireadh air Sgeama Cumhachd Dealan Uisge Theimheil. Bidh uisge a' sruthadh bho Loch Theimheil agus a' dol tro thunail gu Stèisean Cumhachd Chluanaidh mus ruig e Stèisean Cumhachd Bhaile Chloichridh air Loch Fhaschoille. Tha Loch Fhaschoille air a chumail air ais le Dam Bhaile Chloichridh, a thogadh eadar 1947-50. San Dam tha cuideachd fàradh-èisg, a leigeas le bradain a dhol suas an abhainn gu na h-àitean sìolachaidh aca.<br /> <br /> Tha Bogha Cuimhneachaidh Chluanaidh air taobh iar-thuath Loch Faschoille. Chaidh a thogail air an aon mheudachd ris an tunail a tha a' giùlain uisge eadar Loch Theimheil agus Stèisean cumhachd Chluanaidh. Tha an tunail fhèin 2791 meatairean (9158 t) a dh'fhaid agus thugadh 400,000 tunna de chloich air falbh aig àm a thogail