Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uisge-beatha gu leòr!
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_297
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29107
KEYWORDS
barailllean
buideil
Whisky Galore!

Dealbh-camara air ceudan de bharaillean uisge-beatha taobh a-muigh taigh-staile air Gàidhealtachd na h-Alba.

Thathas a' cleachdadh an fhacail uisge-beatha air roinn fharsaing de dheoch-làidir dèante le bhith a' tarraing le gràn a bha air a mhasgadh 's a bhrachadh, agus air fhàgail ann am buideil-fhiodha (darach, mar as trice). Thathas ag ùisneachadh diofar ghràn airson diofar sheòrsa uisge-beatha; eòrna, eòrna air a bhrachadh, seagal, seagal air a bhrachadh, cruithneachd agus an cruitheanachd Innseanach nam measg.

Mar as trice, thathas a' tarraing uisge-beatha Albannach dà uair, ged a tha cuid ac' air an tarraing an tritheamh uair. A-rèir lagh eadar-nàiseanta, am measg diofar chumhachan nas mionaidiche, feumaidh uisge-beatha sam bith air a bheil an t-ainm 'Scotch' a tharraing an Alba agus air fhàgail trì bliadhna is latha am buideil daraich, ach an tig e gu ìre. Mas e is gu bheil uisge-beatha a' tighinn bho dhiofar bhuidealan, agus ma tha aois an uisge-bheatha air ainmeachadh air a' bhotal, feumaidh seo aois an uisge-bheatha as òige dhiubh ainmeachadh. Tha iomadh uisge-beatha de bhraich shingilte ann aig neart-buideil nach eil idir ag ainmeachadh aois air sgath is gu bheilear a' cur ìrean beaga bìodach de dh'uisge-beatha nas òige ann is seo a' cur ris a' bhlas agus an tlàths.

'S e an t-uisge-beatha as cumanta feadhainn braiche agus gràinne, a thathas a' measgachadh ann a bhith a' dèanamh uisge-beatha measgaichte ('blended whisky'). Thathas a' cur ceò na mònach ri iomadh uisge-beatha (ach chan eil ris a h-uile gin ac') airson blas sònraichte a' cheò a chur ris. Ged is e uisge-beatha measgaichte as motha a thathas a' reic, thathas a' cur tòrr a bharrachd meas air uisge-beatha de bhraich singilte. Tha còig sgìrean de dh'uisge-beatha ann an Alba: a' Ghàidhealtachd, a' Ghalldachd, Ìle, Srath Spè agus Ceann Loch Chille Chiarain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uisge-beatha gu leòr!

barailllean; buideil