Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Fear-ciùil Bi Beò (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_19_GD
ÀITE
Uibhist a Tuath
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2911
KEYWORDS
sgrìobhadh-òrain

Get Adobe Flash player

Tha Caoimhin De Las Casas a' bruidhinn ri Seumas MacGillEidsich mu mar a chruthaichear òrain, agus mu eachdraidh chiùil fhèin 's na tha air buaidh a thoirt air. Tha e cuideachd a' toirt iomradh air a leasachadh fhèin ann an ceòl bho thàinig e a dh'Uibhist, agus cho cudromach 's a tha fèin-fhiosrachadh air cluich airson an dà chuid sgrìobhadh agus clàradh.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

'S e an t-òran seo "Na Seann Daoine", agus chaidh a chur ri chèile nuair, nuair a thog mo mhàthair oirre fhèin am baile fhàgail aig aois ceithir fichead 's a dhà. Eh, bha mi a' coimhead - 's e àm cianail, cianalas a bh' ann dhomh fhèin. Bha mi ga faicinn a' falbh is cha robh mise ach còig mionaidean bhon taigh aice, ach bha i a' dol suas gu eilean eile. Gun teagamh chan eil an t-eilean ach fichead mionaid bhon taigh. Ach ann an dòigh eile bha i mar gum biodh, a' dol gu saoghal eile, agus 's e toiseach an òrain, eh, "Tha na seann daoine a' falbh, a' toirt ceum bho ar saoghal". Tha sin a' toirt cothrom air coimhead gu bheil i a' fàgail an saoghal agam fhèin, agus 's dòcha saoghal eile aice fhèin.

Agus, tha mi a' smuaintinn, aig an àm bha mi a' ràdh rium fhèin - tha i air a' chuimhne a chall, tha, tha i a' dol droil, mar a chanas iad ann an Gàidhlig - ach nuair a choimheadas mi air an-diugh, is mìosan air a dhol seachad, tha i toilichte far a bheil i.

Agus, ach 's e rud, an cianalas a bha e a' cur orm.. bha i a' cur ceithir fichead, trì fichead, faisg air deich air fhichead bliadhna de rudan aice san taigh, gan cur ann am bocsannan ann am beagan sheachdainean agus a' falbh. Agus tha e an uair sin air a ràdh "Dèanamh air saoghal eile, is tòiseachadh as ùr". Mar sin, mo mhàthair a' dèanadh air saoghal eile - tha i beò agus a' dèanadh air saoghal eile. Ach air an làimh eile tha e cuideachd a' bruidhinn air seann daoine a dh'fhàg an àite, agus a' falbh gu beatha eile nuair a dh'fhàgas iad. Sinn an seo, chan eil againn ach cuimhneachan air na daoine a tha sineach às a' bhaile. Agus ann an dòigh tha iadsan a' falbh gu dòigh ùr, ach tha sinne cuideachd air ar fàgail, agus feumaidh sinne dòigh ùr a dhèanamh dhen bheatha againn fhèin às an aonais. So, sin mar a chaidh sin a chur ri chèile.

Rud a bha cuimhne agam nam òige, 's e mar a bha teaghlaichean a' gabhail an aithris, aithris na maidne ann an dòigh. Bhiodh iad ag èirigh, is bhiodh mo mhàthair a' fosgladh a' bhìobaill agus a' leughadh earrainn dhen bhìoball agus an uair sin a' dèanadh ùrnaigh airson an latha. Ach cuideachd às an sin bha i a' dèanamh ùrnaigh airson daoine a bha meadhanach sa bhaile, is daoine a bha meadhanach is nach robh cho math dheth 's a bha sinne 's dòcha. Agus tha mi a' coimhead air sin an-diugh, agus chan eil sin a' tachairt.

Nam òige bha mi a' ràdh "Oh, feumaidh sinn seo a dhèanamh sa mhadainn", agus cha robh dad de dh'iarraidh againn seo a dhèanamh sa mhadainn, ach bha a h-uile duine den teaghlach ga dhèanamh. Agus bha e caran... bha thu ga dhèanamh seach gun robh do phàrantan ga dhèanamh. Ach a-nis tha an t-òran, uh - "Oh nach till sibh a-nall thar nan cuantan 's nam beann, is togaidh sinne fonn aon uair eile". Cuideachd, 's dòch' gun seinneadh iad rann de shalm a-staigh san taigh. Agus bha mi, bha mi a' ràdh rium fhèin, nan tilleadh iad a-nall, na daoine sin, gum biodh e math sin fhaicinn a-rithist - an dòigh-beatha a bha sin a th' againn.

Tha mi cinnteach gu bheil seòrsa de cianalas san rann sin air an dòigh-beatha a dh'fhalbh. Agus, ach cuideachd leis mar tha an guth a' tighinn a-mach aig an rann sin tha e mar gum biodh e a' dol a-mach dhan t-saoghal a dh'èigheachd air na dh'fhàg na h-eileanan tilleadh air ais an seo.

An uair sin tha thu a' gluasad a-steach - eh - "Chan eil eich a' treabhadh sa mhachair, tha an iodhlann gun chruaich', far an do thogadh teaghlaich tha làrach feanntagan mar chuimhne". Nuair a thàinig mi an seo an toiseach aig, eh, sa bhliadhna trì fichead 's - naoi-deug trì fichead 's a dhà, eh, a naoi, eh, bha eich a' treabhadh sa mhachair. Agus tha cuimhn' 'am cho annasach a bha sin dhomhsa, gun mi ach pàiste aig sia bliadhna a dh'aois, agus bha dòigh-beatha ann an uair sin - bhiodh daoine a' stad, a' bruidhinn ri chèile. Bhiodh na h-eich - bha fios aca dè bha iad a' dèanamh. Agus ma choimheadas tu timcheall ort an-diugh tha an dòigh-beatha a tha sin e fhèin air falbh. Tha daoine, 's e tractaran a th' aca is, mar a chanas iad, hydraulic ploughs no cruinn hydraulic. Agus tha iad air milleadh a dhèanadh air dòigh. Agus chan eil cruaichean sna h-iodhlainn, sin na h-iodhlainn a bh' aca an uair sin. Bhiodh, bhithinn a' dol suas le m' athair 's Murchadh a' Mhachaire a dh'fhaighinn arbhar. Bhiodh sinn a' dèanamh toitean is suidheachan is bhiodh sinn gan toirt dhachaigh. Tha cuimhn' 'am bhiodh pròis ort nam biodh còig no sia chruachan agad san iodhlann fad a' gheamhradh airson na beathaichean a riarachadh. Agus bha mi a' coimhead air sin agus tha sin fhèin air falbh.

Is rud eile, bha còrr is trì fichead duine sa bhaile againn. 'S e sgìre beag sa mheadhan, sa Cheathramh Meadhanach. Nis chan eil ann ach fichead duine. Is chì thu tòrr de làraich, agus tha tòrr làraich air feadh Uibhist air fad, Uibhist far an robh còrr is ceithir mìle duine agaibh an uair sin. Nise chan eil ann ach beagan is mìle gu leth, ma tha sin fhèin. Agus tha na làraich sin a' toirt cuimhneachan air dòigh-beatha a dh'fhalbh, cuideachd bho àm nam fuadaichean, o àm nuair a bha am buntàta 's a h-uile dad dona seo aig deireadh an seachdamh linn deug. Eh, agus 's e na feanntagan a th' ann an àite far an robh, b' àbhaist teaghlaichean a bhith sna sgìrean. So, sin an seòrsa... tha e caran muladach ann an dòigh, ach a-rithist tha e a' coimhead air ais air dòigh-beatha a bha mise a' smaoineachadh a bha glè mhath.

A' dol às an sin tha mi a' coimhead air "Mi a' cuimhneachadh air m' athair is na dh'fhalbh às an sgìr', leithid Murchadh a' Mhachaire is na sheall iad dhomh gun phrìs" no "na thug iad dhomh gun phrìs". Bhàsaich m' athair o chionn còig bliadhna air ais. Cha robh dad de dhùil 'am ris, agus eh, bha e cianail faisg orm, agus tha thu nad phàiste no nad òigridh a' creidsinn gum bi iad ann gu bràth. Agus thug sin orm coimhead air an sineach, agus na dh'fhalbh às an sgìr' an uair sin. Tha thu coimhead, well bha na daoine sin, bha... tha thu am beachd gum biodh iad an seo gu bràth, is tha iad sin air falbh. Agus an uair sin mi a' cuimhneachadh daoine àraid, can, leithid Murchadh a' Mhachaire. Nuair a thàinig mise an seo bhithinn a' dol sìos dhan taigh aige, e fhèin 's Agnes, dhan mhachair - chaidh mo thogail ann an dòigh shìos an sineach. Ach sheall an duine sin dhomh a h-uile dad a dh'ionnsaich mi eadar tràigh is faochagan is a h-uile dad a bha sin. Ach cha do dh'iarr e dad air ais air a shon, ach gum bithinnsa toilichte nam phàist'.

Ach ma chuimhneachas tu air an dòigh-beatha a bh' aigesan, agus na dh'fhuiling e airson an dòigh-beatha a bha sin a thoirt dhuinn, eadar cogadh - bha e ann an Cold - bha e ann an Colditz, bha e an sin, agus dh'fhuiling an t-uabhas an sin, agus gu leòr às na h-eileanan a thug dhuinn dòigh-beatha. Agus bha mi dhen bheachd, well, tha sinne aig àm, 's dòcha, gum mill sinn na tha iad sin air a thoirt dhuinn, agus mura cuimhnich sinn air tro chànan agus tro òran agus tro, eh, sgrìobhadh san t-seann nòs agus rudan mar sineach, eh, bidh e a' falbh agus cha bhi cuimhne gu bràth orra. Agus fhad 's a bhios cuimhne againn orra nar n-inntinn bidh iad beò.

Agus an uair sin, an rann mu dheireadh - "Tha na seann daoine a' falbh, a' toirt ceum às ar saoghal. Sinn làn pròis gun ghliocas, a' milleadh na thug iad dhuinn". Tha sin a' coimhead oirnn fhèin an-diugh, mar a tha sinne air atharrachadh. Chan eil sinn a' dol a thaigh ar nàbaidh. Chan eil sinn a' dol a chèilidh mar a b' àbhaist dhuinn. Tha, mar gum biodh, pròis air tighinn a-steach annainn, ann an dòigh, is chan eil fhios 'am cò às a tha am pròis a tha sin a' tighinn o chionn chan eil pròis, ann an dòigh, aig daoine a tha seo idir. Agus, eh, tha cuideachd - chan eil uiread de ghliocas againn, tha mi a' smaoineachadh, 's a bh' aca uaireigin. Mar a thogadh na taighean, mar a bha iad ag obair air an talamh.

Tha a h-uile duine a' ràdh an-diugh, a thaobh àrainneachd, gu bheil an talamh agus an àite mar a tha e o chionn 's mar a bha na seann daoine a bha sineach. Agus tha e, tha mi a' coimhead air - am verse mu dheireadh - gu bheil sinn a' milleadh na thug iad dhuinn - umm, an dòigh-beatha a thug iad dhuinn, an àrainneachd a thug iad dhuinn, is a' ghliocas. Tha sinne ga milleadh ann an dòigh, agus sin an t-òran air fad. Òran cianalas tha mi cinnteach ann an dòigh. Ach òran cuideachd, tha mi a' smaoineachadh, a bheir air daoine smaoineachdainn mar a tha iad - well, tha mi 'n dòchas gun toir e air daoine smaoineachdainn mar a tha iad fhèin, agus an dòigh-beatha aca fhèin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Fear-ciùil Bi Beò (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

sgrìobhadh-òrain

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices