- TIOTAL
- An Geamhradh an Gleann Seile
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_311
- ÀITE
- Gleann Seile
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29120
- KEYWORDS
- Gleann Seile
Ros an Iar
Seumasach

Tha Gleann Seile ann an Ros an Iar a' ruith airson 10 mìle bho Loch Dubhthaich gu Gleann Cluainidh agus beanntan drùidhteach air gach taobh dheth, 's nam measg Còig Peathraichean Chinn Tàile.
Tha an gleann air iomadh tachartas eachdraidheil fhaicinn thar nan linntean, nam measg Blàr Ghlinn Seile. An dèidh Ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 nach do shoirbhich, rinn na Seumasaich oidhirp eile air an crùn fhaighinn air ais ann an 1719. Thàinig seo gu bhith air ainmeachadh mar an t-Ar-a-mach Beag. Chaidh an t-arm Seumasach a thoirt còmhla le Camshron Loch Iall , Iarla Shìophoirt agus am Morair Seoras Moireach, agus chaidh mu 300 Spàinnteach a ràinig Loch Aillse sa Ghiblean 1719 a-steach còmhla riutha. Mheàrrs am feachd measgte gu Gleann Seile agus choinnich iad saighdearan Hanobhair. Ged a bha meud agus neart an dà thaobh cosmhail ri chèile, chaill na Seumasaich agus sgaoil iad. Tha Sgùrr nan Spàinnteach, a' bheinn os cionn làrach a' chatha, a' cumail cuimhne air na saighdearan Spàinnteach a bhith ann