Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Fèidh
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_320
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29126
KEYWORDS
deer
moors
hills
Red Deer

Tha a' chuid as motha dhe na fèidh ann am Breatainn rim faighinn air monaidhean fosgailte na Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Ged a chaidh à bith air Ghalldachd aig deireadh an 18mh linn. Tha a' chuid as motha dhiubh air monaidhean fosgailte fad na bliadhna ged a tha an fheadhainn seo tòrr nas lugha na an fheadhainn a tha a' fuireach sna coilltean. Airson a'chuid as motha dhen bhliadhna, bidh buidhnean fireannta agus boireannta a' cumail air falbh bho chèile, ag ionaltradh air feur, luachair, agus riasg as t-samhradh, agus air fraoch agus corra-mhitheag sa gheamhradh.

Tha dàmhair nam fiadh a' tachairt bho dheireadh an t-Sultain chun an t-Samhain. Bidh na daimh a' dìon bhuidhnean de dh'èildean gus nach fhaigh daimh eile thuca. Aig àm an dàmhair, bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean bùiridh. Dh'fhaodadh seo leudachadh gu bhith a' sabaid len cabair agus chan e rud ainneamh a tha ann na fèidh a bhith air an goirteachadh.

Bha mòran ann a bha measail air sealgan fhèidh rè an 19mh linn, ach fhuair an cur-seachad aonta rìoghail nuair a cheannaich a' Bhanrigh Bhioctoria oighreachd Bhaile Mhoireil ann an 1852. Thòisich daoine beairteach air oighreachdan a cheannach dhaibh fhèin air a' Ghàidhealtachd, air neo bhiodh iad gam faighinn air mhàl, is thog iad loidsichean-seilg mhòra. Bha na sealbhadairean fearainn ùra seo airson piseach a thoirt air àireamh nam fiadh, oir bha iad a' creidsinn gun toireadh seo dhaibh tòrr a barrachd cothrom daimh mhòra fhaighinn. Thathas an-diugh a' stalcaireachd fhiadh dìreach airson an fheadhainn aosta is lag a thoirt às an treud

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Fèidh

deer; moors; hills

J I R Martin

Tha a' chuid as motha dhe na fèidh ann am Breatainn rim faighinn air monaidhean fosgailte na Gàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba. Ged a chaidh à bith air Ghalldachd aig deireadh an 18mh linn. Tha a' chuid as motha dhiubh air monaidhean fosgailte fad na bliadhna ged a tha an fheadhainn seo tòrr nas lugha na an fheadhainn a tha a' fuireach sna coilltean. Airson a'chuid as motha dhen bhliadhna, bidh buidhnean fireannta agus boireannta a' cumail air falbh bho chèile, ag ionaltradh air feur, luachair, agus riasg as t-samhradh, agus air fraoch agus corra-mhitheag sa gheamhradh.<br /> <br /> Tha dàmhair nam fiadh a' tachairt bho dheireadh an t-Sultain chun an t-Samhain. Bidh na daimh a' dìon bhuidhnean de dh'èildean gus nach fhaigh daimh eile thuca. Aig àm an dàmhair, bidh na daimh a' dol an sàs ann am farpaisean bùiridh. Dh'fhaodadh seo leudachadh gu bhith a' sabaid len cabair agus chan e rud ainneamh a tha ann na fèidh a bhith air an goirteachadh.<br /> <br /> Bha mòran ann a bha measail air sealgan fhèidh rè an 19mh linn, ach fhuair an cur-seachad aonta rìoghail nuair a cheannaich a' Bhanrigh Bhioctoria oighreachd Bhaile Mhoireil ann an 1852. Thòisich daoine beairteach air oighreachdan a cheannach dhaibh fhèin air a' Ghàidhealtachd, air neo bhiodh iad gam faighinn air mhàl, is thog iad loidsichean-seilg mhòra. Bha na sealbhadairean fearainn ùra seo airson piseach a thoirt air àireamh nam fiadh, oir bha iad a' creidsinn gun toireadh seo dhaibh tòrr a barrachd cothrom daimh mhòra fhaighinn. Thathas an-diugh a' stalcaireachd fhiadh dìreach airson an fheadhainn aosta is lag a thoirt às an treud