- TIOTAL
- Bradain a' Leum
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_323
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 29128
- KEYWORDS
- salmon
fish
lochs

Thathas a' cantainn 'rìgh nan iasg' ri bradain a' Chuain Shiar ('an leumadair'), gu h-àraidh ri linn a' choimeis iongantaich a th' aca leum thairis air cnapan-starra nach saoileadh tu a gheibheadh iad seachad air. Tha corp fada, haidhdronamaig le meud suas ri 150 cm aca, le suas ri 38 kg de thruimead annta. Mar as trice, tha dath airgid, glas le spotan dubha orra, ach tha iad a' dol nas deirge le spotan purpaidh aig àm briodachaidh, le carbad màlaidh dubhanach a' tighinn air a' bhradan fhireannta.
Lorgar bradain a' Chuain Siar, an fheadhainn a tha an dèidh tighinn gu ìre, sa chuan mhòr aig doimhneachd eadar 2 is 10 meatairean. Tha iad a' tilleadh gu fìor-uisge airson gintinn sna h-aibhnichean far an deach iad fhèin a bhreith, a' tilleadh gu math tric gu aibhnichean fìorghlan a-mhàin. Tha seo gan dèanamh nan slat-tomhas feumail air gnè aibhnichean