Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bogh Mòr, Ìle, a' coimhead dhan Eaglais Chruinn
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_331
ÀITE
Bogh Mòr
SGÌRE
Ìle
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh
LINN
1970an
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
29129
KEYWORDS
Na h-Eileanan a-Staigh
Bowmore, Islay, looking to Round Church

Tha Bogh Mòr na bhaile dealbhaichte agus chaidh a stèidheachadh ann an 1768 le Daniel Caimbeul à Shawfield agus Ìle. Chaidh a thogail mar phàirt de sgeama ath-thuineachaidh gus daoine a ghluasad bho sheann bhaile Cill Ara, a bha faisg air Taigh Ìle. Nuair a chaidh am baile a thogail an toiseach, bha farsaingeachd gu leòr eadar na sreathan de thaighean a leigeil le teaghlaichean an cuid bìdh fhèin fhàs agus bò bhainne a chumail.

Aon de na prìomh thogalaichean ann am Bogh Mòr 's e sin Eaglais Cill an Rubha, tè de dhà eaglais chruinn ann an Alba. Chaidh a h-ùghdarrachadh leis an uachdaran Daniel Caimbeul à Shawfield agus chaidh a togail leis an teaghlach Spalding eadar 1767 agus 1769. Chaidh a dealbhachadh coltach ri tè anns an Ròimh. Tha am mullach air a chumail suas le colbh a thathar a' creidsinn a bha uaireigin na chrann air soitheach mara. Tha e air a ràdh gun deach a dealbhachadh cruinn gus nach b' urrainn dhan Deamhainn a dhol am falach anns na h-oiseanan.

Tha Ìle ceangailte ri dèanamh an uisge-bheatha agus tha an t-eilean na dhachaigh do ochd taighean-staile a tha fhathast ag obair. Chaidh Taigh-staile Bogh Mòr a thogail ann an 1779 agus 's e an taigh-staile as aosta ann an Ìle agus an dàrna taigh-staile as aosta ann an Alba.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bogh Mòr, Ìle, a' coimhead dhan Eaglais Chruinn

EARRA-GHÀIDHEAL: Cill an Rubha 's Cill Mheinidh

1970an

Na h-Eileanan a-Staigh

J I R Martin

Tha Bogh Mòr na bhaile dealbhaichte agus chaidh a stèidheachadh ann an 1768 le Daniel Caimbeul à Shawfield agus Ìle. Chaidh a thogail mar phàirt de sgeama ath-thuineachaidh gus daoine a ghluasad bho sheann bhaile Cill Ara, a bha faisg air Taigh Ìle. Nuair a chaidh am baile a thogail an toiseach, bha farsaingeachd gu leòr eadar na sreathan de thaighean a leigeil le teaghlaichean an cuid bìdh fhèin fhàs agus bò bhainne a chumail.<br /> <br /> Aon de na prìomh thogalaichean ann am Bogh Mòr 's e sin Eaglais Cill an Rubha, tè de dhà eaglais chruinn ann an Alba. Chaidh a h-ùghdarrachadh leis an uachdaran Daniel Caimbeul à Shawfield agus chaidh a togail leis an teaghlach Spalding eadar 1767 agus 1769. Chaidh a dealbhachadh coltach ri tè anns an Ròimh. Tha am mullach air a chumail suas le colbh a thathar a' creidsinn a bha uaireigin na chrann air soitheach mara. Tha e air a ràdh gun deach a dealbhachadh cruinn gus nach b' urrainn dhan Deamhainn a dhol am falach anns na h-oiseanan.<br /> <br /> Tha Ìle ceangailte ri dèanamh an uisge-bheatha agus tha an t-eilean na dhachaigh do ochd taighean-staile a tha fhathast ag obair. Chaidh Taigh-staile Bogh Mòr a thogail ann an 1779 agus 's e an taigh-staile as aosta ann an Ìle agus an dàrna taigh-staile as aosta ann an Alba.