Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Luchd-obrach aig Gàrradh MhicGhruthair is Marshall, Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_04
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29163
KEYWORDS
marsantan guail
Workers at McGruther and Marshall's Yard, Inverness

B' e MacGhruthair is Marshall Earr. Marsanta Inbhir Niseach de ghual agus de stuth togail a bh' air a stèidheachadh an toiseach ann an 1870. 'S ann ann an Ceàrnag an Stèisein a bha na h-oifisean agus air Sràid na Tràghad a bha an gàrradh aca, mu letheach eadar drochaid na rèile agus Rathad a' Chala, mar a th' air an-diugh. San dealbh-chamara seo chithear buidheann de luchd-obrach a' ghàrraidh ann an Sràid na Tràghad.

'S e an duin-uasal na shuidhe an dàrna on deas san t-sreath toisich Horatio Mac an Tòisich Cuithbeart. Mar dhuine òg 's e maraiche a bh' ann agus sheòl e air na 'windjammers' gu na calannan Ruiseanach de Mhurmansk agus Arkhangelsk airson luchdan de theàrr-giuthais, air na chuir iad an t-ainm 'Archangel Tar', a chaidh a chleachdadh ann an gnìomhachas togail nan soithichean airson dèileannan aig slige agus clàran an t-soithich a chalcadh.

Sheòl Horation a-rithist air a 'Ghondolier', bàta a bha a' seòladh air Sligh'-uisge na h-Alba agus a chaidh a chur fodha gu sguideal na pàirt de na cnapan dìona aig a' Chaol Arcach, Scapa Flow. Bhàsaich Horatio na cheathradan, leis an fhiabhras-clèibhe, a fhuair e an dèidh dha leum a-steach do Abhainn Nis o Dhrochaid Uatarloo gus starrag leòinte, a chunnaic e ga shruthadh sìos an abhainn, a shàbhaladh.

[Taing do ogha Horatio, Iain MacCoinnich, a thug dhuinn am fiosrachadh seo]

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture