Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Raibeart MacCoinnich, a' chiad dràibhear tacsaidh ann an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_06
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29165
KEYWORDS
tagsaidhean
carbadan
Robert Mackenzie, first taxi driver in Inverness

Thathar den bheachd gur e Raibeart MacCoinnich a' chiad dràibhear tagsaidh ann an Inbhir Nis. Nuair a bha e na b' òige bha e na neach-carbaid aig Taigh Ghleann Draoidh ann an Inbhir Nis, agus às dèidh sin bha e ag obair aig MacRath is Dick na dhràibhear de chab. 'S e a' chiad duine aig MacRath is Dick a thòisich air carbadan-motoir agus bha e a' dràibheadh nan tagsaidhean aca gus an do leig e dheth a dhreuchd. Cha do shuidh e riamh, idir, deuchainn draibhidh!

Às deidh an Dàrna Cogaidh chaidh Raibeart a thaghadh mar am fear a thogadh an cùirtear gus an uinneag-cuimhneachaidh a nochdadh ann an Eaglais Paraiste an Iar, Sràid Hunndaidh, a chionn 's gun deach e fhèin agus an dithis mhac a chall sa chogadh. Thathar den bheachd gun deach an uinneag cuimhneachaidh sin a ghluasad don eaglais ùir aig na h-Ìnnseagan, Inbhir Nis.

Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig dachaigh cùraim Ach an Eas an Inbhir Nis, far an robh Raibeart a' fuireach bliadhnaichean aig deireadh a bheatha. Bhàsaich e ann an 1967 aig aois 88

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Raibeart MacCoinnich, a' chiad dràibhear tacsaidh ann an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1960an

tagsaidhean; carbadan

John Mackenzie

Thathar den bheachd gur e Raibeart MacCoinnich a' chiad dràibhear tagsaidh ann an Inbhir Nis. Nuair a bha e na b' òige bha e na neach-carbaid aig Taigh Ghleann Draoidh ann an Inbhir Nis, agus às dèidh sin bha e ag obair aig MacRath is Dick na dhràibhear de chab. 'S e a' chiad duine aig MacRath is Dick a thòisich air carbadan-motoir agus bha e a' dràibheadh nan tagsaidhean aca gus an do leig e dheth a dhreuchd. Cha do shuidh e riamh, idir, deuchainn draibhidh!<br /> <br /> Às deidh an Dàrna Cogaidh chaidh Raibeart a thaghadh mar am fear a thogadh an cùirtear gus an uinneag-cuimhneachaidh a nochdadh ann an Eaglais Paraiste an Iar, Sràid Hunndaidh, a chionn 's gun deach e fhèin agus an dithis mhac a chall sa chogadh. Thathar den bheachd gun deach an uinneag cuimhneachaidh sin a ghluasad don eaglais ùir aig na h-Ìnnseagan, Inbhir Nis. <br /> <br /> Chaidh an dealbh-camara seo a thogail aig dachaigh cùraim Ach an Eas an Inbhir Nis, far an robh Raibeart a' fuireach bliadhnaichean aig deireadh a bheatha. Bhàsaich e ann an 1967 aig aois 88