Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (1 de 3)
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_A
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29166
KEYWORDS
trèanaichean
trèanaichean-smùide
einnseanan
Early Reminiscences of the Black Isle Railway, by John Mackenzie (1 of 3)

Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (1 de 3). B' e athair Iain fear de dhithis Neach-smàlaidh Eòlach air Rèile an Eilein Duibh air gobhal na Cananaich. Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail (1930an) bha Iain a' fuireach air Barraid na Rèile, a' Chananaich. San sgrìobhadh shìos fodha, tha Iain a' cuimhneachadh beatha air Rèile an Eilein Duibh (Pàirt 1), air eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

'Rugadh mi ann an 1930 agus bha mi a' fuireach sa Chananaich air an Eilean Dubh gu ruig an Dàmhair 1940. Sin far an robh m' athair na fhear de dhithis Neach-smàlaidh Eòlach air a' ghobhal sin den rèile. Uaireannan nuair a bhios mi a' bruidhinn air làithean m' òige, mar is àbhaist le mo phiuthar 's mo bhràthair nas òige, bidh cuimhne air cùisean na reile a' tighinn suas agus shaoil mi gu robh còir agam an clàradh mus fhalbhadh an fhios sin buileach, mar a tha a' tachairt ro thric.

An toiseach 's ann air Rathad Deans sa Chananaich a bha sinn a' fuireach ach ghluais sinn gu Barraid na Rèile a-rithist, àite far an robh barrachd chothroman agam seallaidhean na rèile fhaicinn. Am measg nan cuimhneachaidhean as tràithe a th' agam tha mar a bhithinn a' coinneachadh trèana an luchd-siubhail madainn Disathairne a bhiodh a' toirt a-steach, 's dòcha uair sa mhios, màthair mo mhàthar às Inbhir Nis don Chananaich airson cuairt latha. Bhiodh Granaidh a' tilleadh a dh'Inbhir Nis air trèana mu dheireadh an latha don Bhlàr Dhubh ach an glacadh i an ceangal gu ruig Inbhir Nis. Air a cuairt latha bhiodh i mu shia uairean a thìde sa Chananaich agus mu dhà uair a thìde a' siubhal. An-diugh cha bhiodh tu ach mu fhichead mionaid ga dhèanamh, ach air an rathad.

Tha cuimhne eile agam air obair a bhiodh mi fhìn agus caraid dhomh (Jimmy MacKeddie) a' dèanamh madainn Disathairne mun aon trèana sin. Bha cafaidh air an t-Sràid Àird a bha le Eadailteach air an robh 'The Merrythought Café', agus Disathairne bhiodh blocaichean deigh, air am pasgadh ann an stuth poca Hessian, a' tighinn ann a' bhan a' gheàird air an trèana, airson a' chafaidh. Bhiodh mi fhìn 's mo charaid a' lìbhrigeadh nam blocan deigh sin air 'spanker' le dà chuibhle a bh' aig an rèile, agus sinne ga phutadh, duine mu seach, fad an trì ceud slat no mar sin gu ruig an cafaidh. 'S e obair chruaidh a bh' ann do dhaoine òga oir cha robh Rathad an Stèisein aig an àm air a theàrradh agus bha uachdar garbh de thalamh chruaidh air. Uaireannan dh'fheumamaid barrachd air aon turas a dhèanamh leis. B' e am pàigheadh a fhuair sinn soitheach de reòiteag bhlasta air a chòmhdach le sabhs sùbh-chraoibh. Chan eil fhios 'am an robh deigh air a thoirt thuige a h-uile latha, ach 's ann Disathairne a-mhàin a bha sinne ga lìbhrigeadh.

Aig an àm air a bheil mi a' sgrìobhadh (1930-1940) seo na daoine a bha a' fuireach sna taighean:-

Àmh 1 dràibhear Charlie Tàillear
No 2 Fear-smàlaidh Seoc MacCoinnich
No 3 Geàrd an Luchd-siubhail Seumas MacBheathain
No 4 dràibhear Franc Hay
No 5 Seumas MacIlleBhràith de Shlighe an Luchd-siubhail
No 6 Geàrd Seoc Skinner (Tha cuimhn' am gun deach tè de na làmhan aig Seoc an dochann ann an tubaist putaidh. Chaidh a làmh a dhinneadh eadar bufairean nan carbadan.)

Cha robh rathad idir a' dol a-steach do na sia taighean air Barraid na Rèile. 'S e an rathad a b' fhaisge an rathad gu Cill Fhìnn, air cùl nan taighean aig ìre na b' àirde agus mu cheud gu leth troigh a bharrachd on doras chùil. Mar a b' àbhaist bhiomaid a' dol dhan taigh sìos an leathad aig ceann àrd-ùrlair an stèisein far an robh Oifis a' Bhucaidh, an uairsin thairis air loidhne a' chearcaill ruith-mun-cuairt far an robh dol-tarsainn dèanta le èibhleagan. An uairsin bha slighe a' dol don bhord-tionndaidh thar balla an t-sluic faisg air feansa gàrradh Àmh 6 Barraid na Rèile, ach an ruigeadh tu am beàrn eadar an loidhne bho ùrlar a' ghualaidh don bhòrd-thionndaidh agus gu geataichean toisich nan taighean. Chan eil fhios co mheud turas a thuislich sinn 's a thuit sinn air an dol-tarsainn gar goirteachadh fhèin air na loidhnichean a bha cho faisg dha chèile, air neo, na bu mhiosa, a thuit sinn a-steach do shloc a' bhùird-thionndaidh, ach bha e glè thric agus bha sinn glè thric air ar bruthadh mar siud. Cha smaoinichinn an-diugh gun leigeadh slàinte is sàbhailteachd le duine an t-slighe sin a chleachdadh, ach aig an àm sin b' e sin an rathad àbhaisteach.

Bha maighstir an stèisein aig a' Chananaich a' fuireach gu h-urramach aonaranach ann an taigh na bu mhotha leis an aon rathad a-steach thairis air an aon dol-tarsainn nan èibhleagan aig ceann an àrd-ùrlair. Tha cuimhn' agam air triùir a bha nam maighstirean-stèisein sa Chananaich: Mgr Jimmy Dick, saoilidh mi gun deach e na mhaighstir-stèisein sa Mhanachainn; fear Riach, agus mac aige a chaidh na mhaighstir-stèisein ann an Ceann na Creige; agus fear Mgr Oliver, a chaidh na mhaighstir-stèisein don Aghaidh Mhòir mu 1947/48. Tha cuimhn 'am gu robh an nighean aige na ban-chlàrc san Aghaidh Mhòir aig an àm.

As t-samhradh bhiodh dà charbad campaidh air an cleachdadh fad an t-samhraidh le luchd-turais. Bha na carbadan sin nan laighe an ceann a' chearcaill ruith-mun-cuairt nach biodh idir air a chleachdadh.

Bha sloc sgrùdaidh taobh a-muigh seada na smùid, far am biodh teine an einnsein ga thilgeil a h-uile h-oidhche. Bhiodh an tiùrr sin de stuth à bogsa an teine a' losgadh gu socair fad làithean. Bhiodh sin a' toirt fìor thoileachas do chlann 'a' Bharraid' leis mar a bhiomaid a' còcaireachd bhuntàta agus ùbhlan san luaithre theth agus cuirmean-chnuic is partaidhean meadhanach math againn'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (1 de 3)

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an

trèanaichean; trèanaichean-smùide; einnseanan