Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (2 de 3)
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_A1
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29167
KEYWORDS
trèanaichean
trèanaichean-smùide
einnseanan
Early Reminiscences of the Black Isle Railway, by John Mackenzie (2 of 3)

'S e seo dealbh-camara de Iain MacCoinnich na bhalach òg. B' e athair Iain fear de dhithis Neach-smàlaidh Eòlach air Rèile an Eilein Duibh air gobhal na Cananaich. Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail (1930an) bha Iain a' fuireach air Barraid na Rèile, a' Chananaich. San sgrìobhadh shìos fodha, tha Iain a' cuimhneachadh beatha air Rèile an Eilein Duibh (Pàirt 2), air eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

'Tha cuimhn' agam air Seoc Innes, neach-uachdair, a bhiodh a' coiseachd fad loidhne a' ghobhail a h-uile là ach Là na Sàbaid. Bha e a' fuireach ann an taigh na Rèile aig Abhach agus sa mhadainn choisicheadh e o Abhach don Bhlàr Dhubh, agus baga aige de staghan fiodha a-bharrachd agus cuideachd òrd aige thar a ghualainn, 's bhiodh e a' bualadh a-steach staghan 's msaa fhad 's a bha e a' coiseachd. Bhiodh e an uair sin a' gabhail an trèana don Chananaich, dhèanadh e a chuairt coiseachd ann an sin agus choisicheadh e an uair sin air ais gu Abhach, 's mar sin bha e air sgrùdadh den loidhne-ghobhal gu lèir a dhèanamh.

Bha dòigh coiseachd neònach aige, 's dòcha le bhith a' coiseachd air na trasnan. Bha fad a cheuman a rèir am fad a bha eadar nan trasnan, agus 's dòcha air an adhbhar sin, a h-uile turas a chuir e a chas dheas air adhart, bhiodh a shàiltean a' bualadh a chèile. Bhiodh seo a' dèanamh fuaim àraid a dh' aithnicheadh tu sa bhad nuair a bha e a' coiseachd, agus bha e cuideachd a' caitheamh a bhrògan ann an àite neònach.

Tha cuimhn' agam air trèana airson nam fiadh-lusan a mharbhadh. Bha e sa Chananaich, air a tharraing leis an einnsean Loch Eireachd. Bha àireamh de thancaichean san trèana agus bhana geàird anns an robh sgioba frithealaidh na slighe a' siubhal. Mar a tha cuimhn' agam air bha gàirdeanan goirid airson frasadh air na tancaichean, agus bhiodh na gàirdeanan seo a' fosgladh a-mach gus an sgaoileadh iad thar leud na slighe agus ghabhadh am pasgadh a-staigh gu taobh nan sparran-bonn nuair nach robh iad gan cleachdadh no nuair a bha an trèana a' siubhal ri taobh àrd-ùrlair no rud teann eile. 'S cinnteach gur ann airson ola no teàrr a ghiùlan a bha na tancaichean uaireigin.

Bha tachartas ann far an robh mo bhràthair an sàs. Thuit e dòigh air choireigin eadar an trèana agus an t-àrd-urlar aig a' Chananaich, dìreach nuair a bha an trèana a' fàgail. Chan fhaca duine e a' tuiteam agus bha ciall gu leòr aige crùbadh sìos air a' bhallaist, agus a dhol fo phìos an àrd-ùrlair a bha a' crochadh a-mach gus an do tharraing an trèana a-mach. Thàinig e às buileach gun dochann!

Le bhith a' fuireach air a' bharraid bha mòran chothroman ann a dhol air a' chlàr-coise. Nuair a bhiodh Dad air an t-sioft anmoch, agus mar sin air na trèanaichean anmoch, bha obair-dachaigh na sgoile an-còmhnaidh deiseil glè luath agus bhithinn a' crochadh mun cuairt air an stèisean feuch am faighinn cuairt don bhòrd-tionndaidh nuair a thigeadh an trèana mu dheireadh a-staigh. Disathuirne agus ann an làithean-saora na sgoile, bhiodh na cuairtean beaga na b' fhaide, a' toirt a-steach oibrichean putaidh agus 's iad a chòrd rium. Cha b' fhada gus an do dh'fhàs mi sgileil ann a bhith a' cur seachad nan comharraidhean on duine san einnsean-putaidh don dràibhear, fo shùilean geur m' athar. A-rithist, nuair a dh'fheumadh trèana sònraichte bathair falbh san fheasgar, bhiodh putadh glè thric a' tachairt an dèidh do thrèana an luchd-siubhail feasgair a' Chananaich a ruighinn. Bhiodh Charlie Tàillear a' falbh airson a thea agus bhiodh m' athair a' gabhail an dràibheadh os làimh. An uair sin, nuair a thigeadh Charlie air ais, gheibheadh m' athair fois greiseag. Bhiodh am putadh a' dol air adhart mar sin agus 's e mi fhìn a bha a' toirt seachad nan comharraidhean on neach-putaidh. 'S mi bha air mo dhòigh!

'S ann air fear de na greiseagan putaidh seo a chuir mise eòlas an toiseach air cuibhle-rianachd fhosgladh. Bha m' athair air a ghreis dheth agus dh'fhoighnich Charlie Taillear an robh mi airson an t-einnsean a ghluasad. Cha tuirt mi idir nach robh! B' e an t-einnsean 'Ben Avon' LMS àireamh 14412, air uidheamachadh le 'reverser' na smùide, 's mar sin bha e furasta an t-einnsean a chur a-steach gu gìodhar. Bha feum agam air beagan cuideachaidh gus an gluaisinn a' chuibhle-rianachd, oir bha e beagan ro àrd dhomh airson grèim ceart fhaighinn air, ach abair spòrs do leanabh'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (2 de 3)

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an

trèanaichean; trèanaichean-smùide; einnseanan