Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (3 de 3)
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_A2
ÀITE
A' Chananaich
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Ros Mhaircnidh
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29168
KEYWORDS
trèanaichean
trèanaichean-smùide
einnseanan
Early Reminiscences of the Black Isle Railway, by John Mackenzie (3 of 3)

'S e seo dealbh-camara de Iain MacCoinnich na bhalach òg. B' e athair Iain fear de dhithis Neach-smàlaidh Eòlach air Rèile an Eilein Duibh air gobhal na Cananaich. Aig an àm a chaidh an dealbh seo a thogail (1930an) bha Iain a' fuireach air Barraid na Rèile, a' Chananaich. San sgrìobhadh shìos fodha, tha Iain a' cuimhneachadh beatha air Rèile an Eilein Duibh (Pàirt 3), air eadar-theangachadh gu Gàidhlig.

'A thaobh trèanaichean sònraichte deireadh an fheasgair, tha cuimhn' agam feasgar nam sheasamh air an àrd-ùrlar a' bruidhinn ri Charlie Tàillear fhad 's a bha Dad a' cupladh an einnsein ri trèana an luchd-siubhail, mus do rinn e an turas clàraichte mu dheireadh den là air ais don Bhlàr Dhubh. Dh'fhoighnich e dhìom an cordadh e rium a dhol air a' chlàr-coise cuairt don Bhlàr Dhubh an oidhche sin, oir dh'fheumadh trèana sònraichte de bhuntàta a bhith air a thoirt don Bhlàr ("The Muir") mar a bh' aca san àite air a' Bhlàr Dhubh. Dhomhsa, cha b' e ruith ach leum! Thuirt Dad, fhad 's a bha mo mhàthair toilichte agus gu robh m' obair-dachaigh uile air a dhèanamh, gum faotainn a dhol ann.

B' e an t-einnsean ("the loco") an Loch Naver agus bha trèana gu math trom ann ri dhraghadh suas an leathad a-mach às a' Chananaich. A bharrachd air an toileachas a bhith air einnsean a bha ag obair cruaidh, agus a' coimhead na bha 'dol air adhart, tha dà chuimhne mhaireannach agam den turas. B' e sin de gheàrr a lorg e fhèin air thoiseach air an einnsean 's a ruith fad mhìltean romhainn mus d' fhuair e rùm is tìde gu leòr leum air falbh gu sàbhailteachd, agus mo chiad turas gu bogsa-chomharra, agus b' e siud am bogsa a tuath aig a' Bhlàr Dhubh. Tha cuimhn' agam einnsean tanca a' dol tron Bhlàr Dhubh a' dèanamh air Inbhir Nis, agus nuair a sheirm clag sa bhogsa, chaidh innse dhomh gu robh an t-einnsean sin a-nis aig a' Mhanachainn. Chuir sin iongantas orm, cho luath 's a bha e a' dol, a chionns, dhomhsa aig an aois sin, bha a' Mhanachainn pìos mòr air falbh on Bhlàr Dhubh. Thill sinn don Chananaich le trèana de bhanaichean falamh airson an ath thrèana sònraichte!

Turas eile bha m' athair air innse dhomh nam bithinn aig Stèisean na Cananaich nuair a ràinig trèana feasgair an luchd-siubhail, gum faighinn cuairt air einnsean ùr a bhiodh air an trèana sin. Air son leanabh naoi bliadhna a dh' aois, 's e spòrs dha-rìribh a bha seo. Bha mi ann ann an ùine gu leòr, ro leth uair an dèidh ceithir. Ach obh obh, cha do ràinig an trèana gu às dèidh sia uairean, greis mhòr an dèidh dha fàs dorch. Thàinig fios air an telegraf gu robh aimlisg aig an einnsean aig a' Bhlàr Dhubh, ach gu robh a h-uile cail a-nise càraichte agus gu robh an trèana air a rathad thugainn. Tha e coltach gu robh iad a' dràibheadh an einnsein chun a bhùird-thionndaidh aig a' Bhlàr Dhubh, ach cha robh am bord-tionndaidh buileach ris an taobh cheart agus thuit am pònaidh aig an toiseach thairis air oir an t-sluic. Cha do sheas an t-einnsean sin fada air a' ghobhal!

B' e an 'loco' sin 2MT Stanier 2-6-2 tanca, aig an robh àireamh le trì figearan air peantadh air cliathaichean a' bhuncair. Chan eil cuimhn' agam a-nis air an àireamh, ach tha mi cinnteach gu robh na figearan 9 agus 6 ann. Mu bhliadhna às dèidh sin, bha dealbh ann am pàipear-naidheachd a' sealltainn an aon einnsean, air tighinn o na rèilichean agus na laighe air a chliathaich san Fhraing!

San t-Sultain 1940, chaidh Dad a ghluasad air ais a dh'Inbhir Nis na dhràibhear. Dh'fheumadh e taigh is sgoil 's a h-uile cail a chur air dòigh dhan triùir againne. Tharraing seo beagan ùine, ged a bha luchd-eòlais aige sa bhaile mhor: dha-rìribh, nach b' e fear às Inbhir Nis a bh' ann. Mu dheireadh, san Dàmhair, bha an gluasad ann. Chaidh bhan-rèile fhàgail air rathad a' bhùird-thionndaidh, dìreach taobh a-muigh geata-toisich Àmh. 2 Barraid na Rèile, mus robh treana luchd-siubhail na maidne air fàgail. Le cuideachadh o luchd-obrach na rèile (bha Dad ann an Inbhir Nis), chaidh a' bhan a lodaigeadh leis a h-uile càil a bh' againn san t-saoghal, agus nuair a thill an trèana, chaidh a' bhan a phutadh thairis air a' bhòrd-thionndaidh fhad 's a bha an t-einnsean air a thionndadh agus an uair sin chaidh a chupladh gu deireadh an ath-thrèana a' dol don Bhlàr Dhubh.

Aig a' Bhlàr Dhubh, chaidh a' bhan a chupladh, mar a dh'òrdaich m' athair, gu cùl 'The Wicker' airson a' chòrr dhan astar a dh'Inbhir Nis. Bha seo a' fàgail a' bhan, nuair a chaidh an trèana an comhair a chuil a-steach gu Àrd-ùrlar 1 an Inbhir Nis, furasta faighinn thuige airson às-lodaigeadh air làraidh 'Wordie' air a tharraing le eich airson an lìbhrigidh dheireannaich

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cuimhne thràth aig Iain MacCoinnich air Rèile an Eilein Duibh (3 de 3)

ROS: Ros Mhaircnidh

1930an

trèanaichean; trèanaichean-smùide; einnseanan