Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Mo chiad turas air a 'Footplate', le Iain MacCoinnich
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_B
LINN
2000an
CRUTHADAIR
John Mackenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29169
KEYWORDS
trèanaichean
trèanaichean-smùide
einnseanan
My First Trip on the Footplate, by John Mackenzie

'S e seo dealbh-camara de Iain MacCoinnich na shuidhe air na creagan aig Bàgh Sandside, faisg air Meaghrath, Dùthaich MhicAoidh, Gallaibh a Tuath. San teacsa seo-shìos tha Iain a' cuimhneachadh a' chiad turas a chaidh e air clàr-coise einnsein a' dol thar an t-Sloc. Tha e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig on Bheurla.

'Fada sna 1940an bha mi ag obair mar phreantas aig plumair ann an Inbhir Nis agus mu 1947/48 chaidh mo chur, còmhla ri dithis a bha na b' eòlaich, obair a dhèanamh air togail thaighean a tha an-diugh fon ainm 'Cairngorm Avenue' san Aghaidh Mhòir.

Sna làithean sin cha robh bhanaichean ann a bheireadh sinn sìos is suas an trithead 's a còig mìle don obair, mar a thachradh an-diugh, agus mar sin dh'fheumadh sinn fuireach ann an taigh-loidsidh, 'digs'. bhiomaid a' siubhal dhachaigh feasgar Disathairne air an trèana agus thilleadh sinn don Aghaidh Mhòir madainn Diluain air trèana 8.20m às Inbhir Nis.

'S ann ann an taigh-loidsidh meadhanach mòr am meadhan Barraid na Rèile san Aghaidh Mhòir a bha sinn a' fuireach, taigh leis an ainm Ben-y-Gloe far an robh sinn a' fuireach aig Mgr agus A'Bh-ph Duff. 'S e fear-smàlaidh na rèile a bh' annsan. Chanainnsa gur ann do dh'ìre nam Fear-sgrùdaidh a bha an taigh, oir bha Fear-sgrùdaidh an Luchd-siubhail a' fuireach ann an taigh den aon seòrsa aig ceann a tuath na barraid.

A bhith a' fuireach ann an taigh Bill agus a' cur eòlas air luchd-rèile na sgìre a b' aithne dha, choisinn sin cothrom dhomh tadhal air seada na smùid agus chaidh iomadh uair shona a chur seachad an sin aig deireadh là obrach san ionad togail againn. 'S e seo cuid de na daoine air an do chuir mi eòlas aig an àm sin, a' chuid as motha dhiubh fir nan einnseanan : 'The Miner' Mac IllFhinnein, fear a bha na dhràibhear, agus a mhac 'Tender' MacIllFhinnein, fear-smàlaidh, Seoc Dallas, dràibhear eile, agus a mhacsan Jackie Dallas, neach-comharran, agus 'The Nigger' J. Ros (facal nach eil 'ceart' an-diugh, ach b' e sin am far-ainm aige), agus b' e esan am fear-smàlaidh a bh' air an einnsean a bha an sàs san tubaist nuair a thuit drochaid a' Bhadain Ghuirm. 'S e caractaran a bh' annta gu lèir, agus iomadh fear eile dhiubh.

Disathairne bha e na chleachdadh againn coiseachd tro na loidhnichean-taobh gus an glacadh sinn an trèana againn dhachaigh, an trèana sgìreil a thòisich aig Cinn a' Ghiùthsaich (air am biodh 'The Johnson'), air neo an trèana luath a thàinig às a dhèidh. Disathairne a bha seo bha trèana le gual einnsein na sheasamh air an loidhne-thaobh a' fuireach gus am falbhadh e, agus cò bh' air a chlàr-coise ach m' athair. Shreap mi suas air a' 'Black 5' airson facal fhaighinn air agus mus robh fios agam air an uair, bha an dà thrèana, am fear sgìreil agus am fear luath, air a dhol seachad. Cha robh dòigh faighinn dhachaigh - agus 'deit' agam an oidhche sin!

Fhuair mi cobhar bho Dad. Dh'innis e dhomh fuireach far an robh mi, mo bhaga a chur ann am bogsa-glasaidh a' charbaid-frithealaidh agus gum faodainn siubhal còmhla ris! 'S ann mar siud a thòisich mo chiad turas air clàr-coise a 'Bhlack 5' agus m' oideachadh san dòigh anns an gabhadh trèana bathair trom le ceangal fuasgailt, a dhraibheadh.

Fhuair sinn pìleat, einnsean'Caley Benny' 4-4-0, agus thog sinn oirnn a dh'Inbhir Nis agus bha a' chiad stad againn aig an t-Sloc gus an leigeadh sinn às am pìleat. Cha robh dragh sam bith air a bhith ann san t-sreap, ach bha e buileach eadar-dhealaichte, le faireachdainn de phutadh sìos a' bheinn le trèana gun bhrèicean air ar cùlaibh, gu h-àraid mar a dh'fheumadh sinn stad ann an Tom Aitinn a dhol tarsainn air trèana a' dol don deas. A' fàgail Tom Aitinn, ruith sinn gu àite dìreach gu deas air Deimhidh, ri taobh lochain agus air trac meadhanach còmhnard, agus ann a sheo chaidh leth no barrachd de bhrèicean nan carbadan a phutadh sìos airson an teàrnadh fhada a dh'Inbhir Nis. 'S ann an uair sin a thòisich an t-uisge agus bha am brèiceadh na bu duilghe le cho sleamhainn 's a bha na rèilichean. 'S e tarraing mòr a bh' ann don einnsean gus an do ràinig sinn toiseach an teàrnaidh sìos tro Dheimhidh agus an uair sin 's e brèicean air gu cruaidh a bh' ann gus an robh sinn gu bhith aig drochaid Chùil Lodair, agus an dìreadh goirid is cas tro stèisean Chùil Lodair.

Tha cuimhn' agam air an teàrnadh fhada o Chùil Lodair gu Inbhir Nis leis mar a bha na sradagan a' tighinn o bhlocan nam brèigean aig an einnsean. Chaidh an trèana [na carbadan] fhàgail sa ghàrradh ann an Allt a' Mhuilinn agus chaidh sinn don t-seada gus am fàgadh sinn an t-einnsean. Nuair a bha sinn fo bhogsa-crochaidh a' ghuail thug Dad dhomh an còta-uisge aige le muinntir na rèile agus dh'innis e dhomh coiseachd a-mach dìreach tron t-seada 's a-mach gu Rathad Allt a' Mhuilinn. Bha mi dìreach a' dol a dh'fhàgail a' chlàir-coise nuair a chuir Dad stad orm, dh'iarr e orm feitheamh, agus an uair sin smèid e rium a dhol sìos taobh an draibheir às an einnsean. Chaidh mise sìos fhad 's a bha am Fear-sgrùdaidh a' sreap suas an taobh eile!

'S ann mar sin a thàinig feasgar Disathairne gu math spòrsail gu crìch

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Mo chiad turas air a 'Footplate', le Iain MacCoinnich

2000an

trèanaichean; trèanaichean-smùide; einnseanan