Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trèanaichean Mèinne agus Jellicoe aig Àm a' Chogaidh
EXTERNAL ID
PC_JOHN_MACKENZIE_B1
LINN
1940an
CRUTHADAIR
John Mackenzie
NEACH-FIOSRACHAIDH
John Mackenzie
AITHNEACHADH MAOINE
29170
KEYWORDS
trèanaichean
trèanaichean-smùide
einnseanan
Jellicoes & Mine Trains During the War

'S e dealbh-camara a tha seo de Iain MacCoinnich na shuidhe air na creagan ann am Bàgh Sandside, faisg air Meaghrath, Gallaibh a Tuath. San teacsa seo shìos tha Iain a' cuimhneachadh mar a dh'èirich dha athair tron Dàrna Cogadh. [B' e prìomh thrèanaichean nam feachdan sabaid a bha sna trèanaichean 'Jellicoe' agus bha iad a' ruith gu ruig deireadh a' Chogaidh].

(Air eadar-theangachadh on Bheurla): 'Fad an Dàrna Cogaidh bhiodh m' athair glè thric a' dràibheadh an Jellicoe gu tuath o Inbhir Nis gu Inbhir Theòrsa 's air ais, a' cur seachad oidhche ann an Inbhir Ùige air an rathad. 'S cinnteach gun deach na h-einnseanan (bha einnsean gach ceann den trèana) an seirbheiseadh an sin ann an Inbhir Ùige. Bhiodh e cuideachd a' dràibheadh an Jellicoe gu deas gu ruig Peairt 's air ais - ach cha b' e Jellicoe a bhiodh aige a h-uile turas - agus le stad greis ann am Peairt.

'S e obair eile a bh' aige ri dhèanamh aig àm a' chogaidh a bhith 'dràibheadh thrèanaichean air an lodaigeadh le mèinnean gu ruig Caol Loch Aillse. Chan eil fhios 'am an deach na trèanaichean an stòradh air na loidhnichean-taobh ann am Fothraitidh air neo a robh iad air tighinn dìreach às Inbhir Nis.

Tron gheamhradh 1940/41 no 1941/42, chan eil cuimhn' agam co fear aca, thog Dad air às Inbhir Theòrsa le, mar a bh' aige air, 'Troop Train' (trèana nam feachdan sabaid). Bha a h-uile cail glè àbhaisteach gus nach do nochd e dhachaigh às dèidh ceithir uairean fichead a thìde. Chuir mo mhathair mi gu Stèisean na Rèile feuch an lorgainn a-mach de dh'èirich dha agus cha do shaoil mi ach a dhol gu Seada na Smùid. Ach cha robh mi ach deich no aon-deug aig an àm, ge-tà.

Tha cuimhn' agam a bhith air mo 'choilearadh' le duine ann an ad (a-nis dh'aithnichinn e mar fhear-sgrùdaidh) a dh'fhoighnich dhiom dè bha mi a' dèanamh san t-seada. Dh'innis mi dha gu robh mi a' lorg m' athair, Seoc MacCoinnich, a bha air fhàgail a dhol a dh'Inbhir Theòrsa agus nach do nochd dhachaigh. Chaidh mo thoirt a-steach a dh'oifis agus dh'innis iad dhomh gu robh m' athair air a ghlacadh ann an cuithe sneachda eadar Cinn a' Bhràist is Forsanàird, agus gu robh oidhirpean a' dol feuch am faigheadh iad an trèana às. Chaidh innseadh dhomh cuideachd gu robh m' athair ceart gu leòr agus gu robh biadh ga chur sìos thuca on adhar gus na daoine air an trèana a chumail a' dol. Bha mi tric a' cnuasachadh air cuine bhiodh fios air na thachair ga chur gu mo mhàthair mur nach biodh gun deach mise a chur a-mach ga lorg.

Uill, ràinig Dad dhachaigh mu dheireadh agus cha b' e buileach an aon sgeulachd a bh' aige. Tha cuimhn' agam gun innseadh e an aon stòiridh iomadh turas nuair a bhiodh e am measg fireannaich eile na rèile, mar Seòras Mac na Brataich is 'Bàrnaidh' Tàillear, a bha nan co-obraichean aige air a 'footplate', agus aig an robh iomadh sgeulachd aca fhèin. Luthaiginn gu robh mi air reacòrdair theipichean a cheannach aig an àm. Cothroman caillte! Sgrìobhaidh mi seo mar a tha cuimhn' agam air ag innse na sgeulachd.

Mar a dh'innseadh e i (air eadar-theangachdh gu Gàidhlig on Bheurla):-

'An dèidh Inbhir Nis fhàgail (luchd làn, aon einnsean) chaidh a h-uile cail gu math gus an do ràinig sinn Srath Stìophain agus ruith sinn a-steach gu stoirm-shneachda. Thuirt mise ri mo mheata, 'Tha sinn air a shon an nochd leis mar a tha an sneachda cho trom 's a tha e mar tha.' Bha sinn a' leantainn trèana eile agus dh'fheumadh sinn feitheamh aig Brùra agus Goillspidh airson am pìos rèile romhainn a bhith falamh. Nuair a ràinig sinn Bun Illidh bha sinn a' feitheamh beagan na b' fhaide ach mu dheireadh fhuair sinn air falbh.

Bha sinn fada, fada air an tarraing fhada gu Cinn a' Bhràist, ann an sìde uabhasach, ach rinn sinn a' chùis. Feitheamh eile, ach an uair sin air falbh leinn, ach dìreach fad trì mìle no mar sin. Thàinig sinn gu stad ann an gearradh, le sneachd cho àrd ris a' chlàr-coise (footplate), ann an sneachda air a shèideadh ann. Cha b' urrainn dhuinn càil a dhèanamh: bha sinn air ar fìor ghlacadh! Cha robh ann ach feitheamh airson cobhair.

Thàinig cobhar ann an cruth phlèanaichean a thòisich a' tilgeil a-mach biadh do na daoine air an trèana. Bha seo anns na làithean mus robh helicoptairean ann agus bha am biadh a' tighinn gu talamh ann an sneachd mu dhà cheud slat air falbh on trèana. Bha daoine a' feuchainn ri ruighinn air a' bhiadh, ach cho luath 's a chuir iad cas air an t-sneachda, chaidh iad às an t-sealladh agus chan fhaigheadh iad às a' ghearradh. Cha robh am biadh, a-rèist, gu feum sam bith.

'S e saighdearan, seòladairean agus luchd-adhair a bha sna daoine air an trèana agus bha niorsaichean agus luchd-meadaigeach ann. Mas bith cò bha an ceann na trèana a thaobh nan seirbheisean, chuir iad romhpa gum briseadh iad fosgailte na cuibhreannan èiginneach, rudan mar bhriosgaidean cruaidhe, ciùban oxo agus an leithid. Chaidh bùrn teth a thoirt o thanca-ghoil an einnsein, chaidh a chur ann am peileannan chruain le luchd-meadaigeach an trèana, chaidh a chur thairis air a' charbad-frithealaidh, an tender, agus a chleachdadh gus deochan tetha oxo a dhèanamh!

Mu dheireadh thall ràinig einnseanan à Bun Illidh agus tharraing iad an trèana às a' chnap-sneachda agus air ais a Chinn a' Bhràist agus an uair sin a Bhun Illidh. Thionndaidh sinn an t-einnsean againn agus dh'òrdaich am fear-sgrùdaidh an ceann chùisean gun togadh sinn oirnn air ais a dh'Inbhir Nis leis an trèan againn. Dhiùlt mise falbh gus am faigheadh sgioba an trèana rudeigin ri ithe oir bha sinn air a bhith ag obair fad barrachd air ceathrad 's a h-ochd uairean a thìde. Fhuair sinn biadh ann an Taigh-òsta na Drochaid ann am Bun Illidh agus na cosgaisean aig 'A' Chompanaidh' agus thog sinn oirnn dhachaigh.

'S e sin an sgeulachd mar a tha cuimhn' agam oirre air a h-innse. Tha mi 'n dòchas gu bheil i inntinneach dhuibh'

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trèanaichean Mèinne agus Jellicoe aig Àm a' Chogaidh

1940an

trèanaichean; trèanaichean-smùide; einnseanan