Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ghàidhealtachd gu Galldachd (pirt 1)
EXTERNAL ID
PC_MACFARLANE-SLACK_01
ÀITE
Belgium
DEIT
2005
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Drew MacFarlane-Slack MBE
NEACH-FIOSRACHAIDH
Drew MacPhàrlain-Slack MBE
AITHNEACHADH MAOINE
29211
KEYWORDS
sloinneadh
eachdraidh teaghlaich
A' Chiad Chogadh
cladhan
uaighean
From the Highlands to the Lowlands (part 1)

Cha robh e riamh cho furasta no cho bitheanta eachdraidh do theaghlaich a rannsachadh. An seo, tha fear a chleachd a bhith air Comhairle na Gàidhealtachd, Drew MacFarlane-Slack MBE, a' sgrìobhadh mu na thachair ris fhèin ann a bhith a' rannsachadh a shìnnsearan.

"Rugadh mi ann an ceann an ear Ghlaschu ann an 1951. Rugadh m' athair an sin cuideachd ach thachair e ri mo mhàthair ann an Hull aig àm an Dàrna Cogaidh agus phòs e i ann am baile a h-àraich ann an 1947. Ged a thogadh mi faisg air teaghlach m' athar, agus bha 14 duine-cloinne san teaghlach a bharrachd air fhèin, cha robh sinn beò ann am pòcaidean a chèile agus chan eil cuimhne làidir agam air am beatha no na rinn iad.

Air taobh m' athar, b' ann de shliochd Suaineach a bha mo sheanmhair. Ràinig a pàrantan Calton ann an 1884, aon deich bliadhna mus d' rugadh ise. Bha a h-athair 's a bràithrean nan gloineadairean, ceàird air an robh fèill mhòr anns na gnìomhachasan ceimigeach a bha a' sìor-leudachadh air taobh shuas Abhainn Chluaidh. Chaochail i ann an 1964, 's i air a bhith air a trèigsinn le mo sheanair aon deich bliadhna roimhe sin airson bràmair mar a thuirt mo mhàthair.

Tha bliadhnaichean tràtha mo sheanar fhathast nan dìomhaireachd dhomh gu ìre. Is gann a bhruidhinn m' athair ris mus do chaochail a mhàthair 's cha do bhruidhinn e ris riamh on uair sin. Cha do bhrosnaich m' athair mi gus cumail ann an caidreamh ris, 's cha bu mhotha a rinn mo sheanair, ach thadhail mi air uair no dhà anns na 1970an. Tha cuimhne agam gun robh na cèilidhean sin doirbh agus gu ìre nan cùis nàire dhan dithis againn; cha tug e dhomh tuairmse idir air lathaichean òige. Chaochail e ann an 1979, agus air teisteanas a bhàis 's e an t-ainm aige Robert Adams McFarlane.

Cha do bhruidhinn m' athair mòran mu theaghlach an dèidh bàs a mhàthar agus suas gu àm a bhàis fhèin ann an 1990; b' ann aig tiodhlacaidhean bu mhotha bha gnothach againn riutha. Tha a bhràithrean 's a pheathraichean uile, ach a mhàin aonan, air caochladh 's mar sin, nuair a ghabh mi ùidh ann an eachdraidh an teaghlaich againn, 's gann a bha gin de na stòrasan as fhaisge ri fhaighinn tuilleadh.

Fhuair mi aon phìos fiosrachaidh bho m' athair ged-tà, 's e sin gun robh mo sheanair air uchd-mhacachadh neo air a choimhead às a dhèidh nuair a bha e òg le teaghlach air an robh MacPhàrlain agus gum b' e Adams an t-ainm a bh' air ann an dà-rìreabh nuair a rugadh e.

Chaidh m' ùidh fhìn ann an sloinntearachd a thogail le fèin-fhiosrachadh na mnatha agam. Chaidh a h-uchd-mhacachadh na naoidhean ann an Glaschu agus nuair a chaochail a h-athair chuir i roimhpe gun lorgadh i a màthair dhligheach. Le taic bhon bhuidheann uchd-mhacachaidh agus bho oifis nan clàran ann an Dùn Èideann, lorg i a màthair agus a teaghlach 's chuir i fios thuca.

A' cleachdadh pìosan beaga fiosrachaidh a thrus mi bhom mhàthair, thòisich mi air ar craobh-teaghlaich fhìn a chur ri chèile. Bha an t-eadar-lìon na mheadhan feumail airson fiosrachadh cuideachd, ach o chionn 7 bliadhna cha robh faisg uimhir ri fhaotainn air 's a th' ann an-diugh. Thug cuairtean a Ghlaschu agus a Dhùn Èideann dhomh tuigse na b' fheàrr fhaighinn air beatha thràth mo sheanar

Rugadh e, Ùisdean Adams, ann an 1891 ann an Camlachie, Glaschu. Chaochail athair glè òg ann an 1901, a' fàgail a mhàthar gus coimhead às a dhèidh fhèin 's a phiuthar, Seònaid. Taobh a-staigh mìos no dhà bho bhàs athar, ghluais a mhàthair 's an nighean gu Cnoc Màiri far am bheil cunntas-sluaigh 1901 gan cur ann am meadhan na bliadhna sin. Chan urrainnear ach tuairmse a dhèanamh air fèin-fhiosrachadh Ùisdein a bha deich bliadhna a dh'aois. Chaidh a chur a dh'fhuireach còmhla ris an teaghlach MacPhàrlain aig an àm seo agus mu dheireadh ghabh e an t-ainm aca. A rèir choltais dhubh e a phàrantan a-mach às a bheatha bhon àm sin agus dh'fheumadh an eachdraidhsan feitheamh gus an do dh'fhosgail mi fhìn an leabhar o chionn ghoirid."

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ghàidhealtachd gu Galldachd (pirt 1)

2000an

sloinneadh; eachdraidh teaghlaich; A' Chiad Chogadh; cladhan; uaighean