Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coinneachadh MacDhòmhnaill agus a theaghlach, 1896
EXTERNAL ID
PC_MACKECHNIE_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1896
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Donald MacKechnie
AITHNEACHADH MAOINE
29216
KEYWORDS
luchd-lagha
luchd-obrach a' bhaile
còraichean chroitearan
Kenneth Macdonald and family, 1896

San dealbh seo, chithear Coinneach MacDhòmhnaill agus a bhean Ealasaid sa ghàrradh san dachaigh aca, 'Beech Lawn', Rathad Chùl Daothail, ann an 1896, còmhla ri an nighean Ella (clì), an duine aice, Uilleam Lucas (deas) agus am mac William Alexander Crawford Leander, no Leander mar a chanadh daoine ris.

Bha e na neach-lagha agus na chlèireach baile airson Inbhir Nis fad 40 bliadhna. Bha e cuideachd na oifigear saor-thoileach san arm agus na neach-taic do na croitearan. Rugadh e ann an Inbhir Nis ann an 1850 agus bha e na sgoilear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha e an uair sin na phreantas aig neach-lagha ionadail, Seumas MacAnndrais. Dh'fhàg e aig aois 18 agus chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e ann an lagh. Bhuannaich e prìomh duais ann an Lagh Albannach agus duais shònraichte airson lagh malairteach is banc-bristeachais. A bharrachd air clasaichean lagha a dhèanamh, bha e ag obair fad trì bliadhna anns an oifis aig an neach-lagha Uilleam Lucas ann an Glaschu. Bliadhnaichean às dèidh seo, phòs Uilleam òg, mac Lucas nighean Choinnich Helen, no Ella mar a bh' orra. Thill Coinneach gu Inbhir Nis aois 21 agus thòisich e a ghnìomhachas lagha fhèin anns a' bhaile.

Bha MacDhòmhnaill agus a bhean, Ealasaid NicCoinnich, a' fuireach an toiseach san Àrd-shràid agus an uair sin anns an taigh mhòr 'Beech Lawn', air Rathad Chùl Daothail. Thug e taic do dh'iomadh coimhearsnachd croitearachd a bha an cunnart a bhith air am fuadachadh, a' gabhail a-steach an fheadhainn a bha an sàs ann am blàr ainmeil a' Bhràigh san Eilean Sgitheanach ann an 1882 far an robh còmhrag ann eadar poilis agus croitearan mu chòraichean ionaltraidh. A bharrachd air seo, thug e taic do chroitearan Sgiobal ann an Cataibh an Ear air beulaibh Coimisean ùr nan Croitearan agus do chroitearan à Airdens, Drochaid a' Bhanna, ann an Cùirt an t-Siorraidh. Bha Coinneach ann an Saor-thoilich nan Gunnairean Rìoghail fad iomadh bliadhna, far an do ràinig e ìre còrnaileir, agus bha e cuideachd na bhall de Bhòrd Sgoile Inbhir Nis agus chuidich e le bhith a' cur air dòigh clasaichean leantainneach agus teicnigeach. Bha e cuideachd na bhall de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh an obair rannsachaidh mhòr a rinn e mu eachdraidh a' bhaile aithneachadh le Fellowship ann an Comann Àrsaidheachd na h-Alba. Chaidh a thaghadh do chomhairle a bhaile ann an 1878 agus rinneadh bàillidh dheth ann an ùine nach robh fada, ach leig e seo dheth nuair a chaidh a thaghadh mar chlèireach a' bhaile, obair a bh' aige, agus a rinn e gu sònraichte math, gu goirid mus do chaochail e ann an 1921

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Coinneachadh MacDhòmhnaill agus a theaghlach, 1896

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

1890an

luchd-lagha; luchd-obrach a' bhaile; còraichean chroitearan

Donald MacKechnie

San dealbh seo, chithear Coinneach MacDhòmhnaill agus a bhean Ealasaid sa ghàrradh san dachaigh aca, 'Beech Lawn', Rathad Chùl Daothail, ann an 1896, còmhla ri an nighean Ella (clì), an duine aice, Uilleam Lucas (deas) agus am mac William Alexander Crawford Leander, no Leander mar a chanadh daoine ris. <br /> <br /> Bha e na neach-lagha agus na chlèireach baile airson Inbhir Nis fad 40 bliadhna. Bha e cuideachd na oifigear saor-thoileach san arm agus na neach-taic do na croitearan. Rugadh e ann an Inbhir Nis ann an 1850 agus bha e na sgoilear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha e an uair sin na phreantas aig neach-lagha ionadail, Seumas MacAnndrais. Dh'fhàg e aig aois 18 agus chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e ann an lagh. Bhuannaich e prìomh duais ann an Lagh Albannach agus duais shònraichte airson lagh malairteach is banc-bristeachais. A bharrachd air clasaichean lagha a dhèanamh, bha e ag obair fad trì bliadhna anns an oifis aig an neach-lagha Uilleam Lucas ann an Glaschu. Bliadhnaichean às dèidh seo, phòs Uilleam òg, mac Lucas nighean Choinnich Helen, no Ella mar a bh' orra. Thill Coinneach gu Inbhir Nis aois 21 agus thòisich e a ghnìomhachas lagha fhèin anns a' bhaile. <br /> <br /> Bha MacDhòmhnaill agus a bhean, Ealasaid NicCoinnich, a' fuireach an toiseach san Àrd-shràid agus an uair sin anns an taigh mhòr 'Beech Lawn', air Rathad Chùl Daothail. Thug e taic do dh'iomadh coimhearsnachd croitearachd a bha an cunnart a bhith air am fuadachadh, a' gabhail a-steach an fheadhainn a bha an sàs ann am blàr ainmeil a' Bhràigh san Eilean Sgitheanach ann an 1882 far an robh còmhrag ann eadar poilis agus croitearan mu chòraichean ionaltraidh. A bharrachd air seo, thug e taic do chroitearan Sgiobal ann an Cataibh an Ear air beulaibh Coimisean ùr nan Croitearan agus do chroitearan à Airdens, Drochaid a' Bhanna, ann an Cùirt an t-Siorraidh. Bha Coinneach ann an Saor-thoilich nan Gunnairean Rìoghail fad iomadh bliadhna, far an do ràinig e ìre còrnaileir, agus bha e cuideachd na bhall de Bhòrd Sgoile Inbhir Nis agus chuidich e le bhith a' cur air dòigh clasaichean leantainneach agus teicnigeach. Bha e cuideachd na bhall de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh an obair rannsachaidh mhòr a rinn e mu eachdraidh a' bhaile aithneachadh le Fellowship ann an Comann Àrsaidheachd na h-Alba. Chaidh a thaghadh do chomhairle a bhaile ann an 1878 agus rinneadh bàillidh dheth ann an ùine nach robh fada, ach leig e seo dheth nuair a chaidh a thaghadh mar chlèireach a' bhaile, obair a bh' aige, agus a rinn e gu sònraichte math, gu goirid mus do chaochail e ann an 1921