Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Carragh-chuimhne: Coinneach, Ealasaid agus Ella MacDhòmhnaill
EXTERNAL ID
PC_MACKECHNIE_007
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
30 An Dùbhlachd 2006
LINN
2000an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Donald MacKechnie
AITHNEACHADH MAOINE
29218
KEYWORDS
cladhan
carraighean-cuimhne
cuimhneachain
Memorial to Kenneth, Elizabeth & Ella Macdonald

Anns an dealbh seo, chithear cuimhneachadh air Coinneach, Ealasaid agus Ella MacDhòmhnaill ann an cladh Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis.

Bha e na neach-lagha agus na chlèireach baile airson Inbhir Nis fad 40 bliadhna. Bha e cuideachd na oifigear saor-thoileach san arm agus na neach-taic do na croitearan. Rugadh e ann an Inbhir Nis ann an 1850 agus bha e na sgoilear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha e an uair sin na phreantas aig neach-lagha ionadail, Seumas MacAnndrais. Dh'fhàg e aig aois 18 agus chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e ann an lagh. Bhuannaich e prìomh duais ann an Lagh Albannach agus duais shònraichte airson lagh malairteach is banc-bristeachais. A bharrachd air clasaichean lagha a dhèanamh, bha e ag obair fad trì bliadhna anns an oifis aig an neach-lagha Uilleam Lucas ann an Glaschu. Bliadhnaichean às dèidh seo, phòs Uilleam òg, mac Lucas nighean Choinnich Helen, no Ella mar a bh' orra. Thill Coinneach gu Inbhir Nis aois 21 agus thòisich e a ghnìomhachas lagha fhèin anns a' bhaile.

Bha MacDhòmhnaill agus a bhean, Ealasaid NicCoinnich, a' fuireach an toiseach san Àrd-shràid agus an uair sin anns an taigh mhòr 'Beech Lawn', air Rathad Chùl Daothail. Thug e taic do dh'iomadh coimhearsnachd croitearachd a bha an cunnart a bhith air am fuadachadh, a' gabhail a-steach an fheadhainn a bha an sàs ann am blàr ainmeil a' Bhràigh san Eilean Sgitheanach ann an 1882 far an robh còmhrag ann eadar poilis agus croitearan mu chòraichean ionaltraidh. A bharrachd air seo, thug e taic do chroitearan Sgiobal ann an Cataibh an Ear air beulaibh Coimisean ùr nan Croitearan agus do chroitearan à Airdens, Drochaid a' Bhanna, ann an Cùirt an t-Siorraidh. Bha Coinneach ann an Saor-thoilich nan Gunnairean Rìoghail fad iomadh bliadhna, far an do ràinig e ìre còrnaileir, agus bha e cuideachd na bhall de Bhòrd Sgoile Inbhir Nis agus chuidich e le bhith a' cur air dòigh clasaichean leantainneach agus teicnigeach. Bha e cuideachd na bhall de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh an obair rannsachaidh mhòr a rinn e mu eachdraidh a' bhaile aithneachadh le Fellowship ann an Comann Àrsaidheachd na h-Alba. Chaidh a thaghadh do chomhairle a bhaile ann an 1878 agus rinneadh bàillidh dheth ann an ùine nach robh fada, ach leig e seo dheth nuair a chaidh a thaghadh mar chlèireach a' bhaile, obair a bh' aige, agus a rinn e gu sònraichte math, gu goirid mus do chaochail e ann an 1921

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Carragh-chuimhne: Coinneach, Ealasaid agus Ella MacDhòmhnaill

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

2000an

cladhan; carraighean-cuimhne; cuimhneachain

Donald MacKechnie

Anns an dealbh seo, chithear cuimhneachadh air Coinneach, Ealasaid agus Ella MacDhòmhnaill ann an cladh Tom na h-Iùbhraich, Inbhir Nis.<br /> <br /> Bha e na neach-lagha agus na chlèireach baile airson Inbhir Nis fad 40 bliadhna. Bha e cuideachd na oifigear saor-thoileach san arm agus na neach-taic do na croitearan. Rugadh e ann an Inbhir Nis ann an 1850 agus bha e na sgoilear ann an Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis. Bha e an uair sin na phreantas aig neach-lagha ionadail, Seumas MacAnndrais. Dh'fhàg e aig aois 18 agus chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu far an do cheumnaich e ann an lagh. Bhuannaich e prìomh duais ann an Lagh Albannach agus duais shònraichte airson lagh malairteach is banc-bristeachais. A bharrachd air clasaichean lagha a dhèanamh, bha e ag obair fad trì bliadhna anns an oifis aig an neach-lagha Uilleam Lucas ann an Glaschu. Bliadhnaichean às dèidh seo, phòs Uilleam òg, mac Lucas nighean Choinnich Helen, no Ella mar a bh' orra. Thill Coinneach gu Inbhir Nis aois 21 agus thòisich e a ghnìomhachas lagha fhèin anns a' bhaile. <br /> <br /> Bha MacDhòmhnaill agus a bhean, Ealasaid NicCoinnich, a' fuireach an toiseach san Àrd-shràid agus an uair sin anns an taigh mhòr 'Beech Lawn', air Rathad Chùl Daothail. Thug e taic do dh'iomadh coimhearsnachd croitearachd a bha an cunnart a bhith air am fuadachadh, a' gabhail a-steach an fheadhainn a bha an sàs ann am blàr ainmeil a' Bhràigh san Eilean Sgitheanach ann an 1882 far an robh còmhrag ann eadar poilis agus croitearan mu chòraichean ionaltraidh. A bharrachd air seo, thug e taic do chroitearan Sgiobal ann an Cataibh an Ear air beulaibh Coimisean ùr nan Croitearan agus do chroitearan à Airdens, Drochaid a' Bhanna, ann an Cùirt an t-Siorraidh. Bha Coinneach ann an Saor-thoilich nan Gunnairean Rìoghail fad iomadh bliadhna, far an do ràinig e ìre còrnaileir, agus bha e cuideachd na bhall de Bhòrd Sgoile Inbhir Nis agus chuidich e le bhith a' cur air dòigh clasaichean leantainneach agus teicnigeach. Bha e cuideachd na bhall de Chomann Gàidhlig Inbhir Nis agus chaidh an obair rannsachaidh mhòr a rinn e mu eachdraidh a' bhaile aithneachadh le Fellowship ann an Comann Àrsaidheachd na h-Alba. Chaidh a thaghadh do chomhairle a bhaile ann an 1878 agus rinneadh bàillidh dheth ann an ùine nach robh fada, ach leig e seo dheth nuair a chaidh a thaghadh mar chlèireach a' bhaile, obair a bh' aige, agus a rinn e gu sònraichte math, gu goirid mus do chaochail e ann an 1921