Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Stèisean nam Mucan-mara, Bun Abhainn Eadarra
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_03
ÀITE
Bun Abhainn Eadarra
SGÌRE
Na Hearadh
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Na Hearadh
DEIT
6 An t-Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29231
KEYWORDS
sealg nam muc-mhara
iasgach
giullachd
sealg
Whaling Station at Bunabhainneadar

'S e an similear àrd breige na tha air fhàgail de Stèisean nam Mucan-mara ann am Bun Abhainn Eadarra anns Na Hearadh. Chaidh a stèidheachadh le companaidh Nirribheach ann an 1904. Bha a' mhòr-chuid de na mucan-mara air an glacadh mun cuairt air Rocal, Hiort agus na h-Eileanan Flannach agus an uair sin bha iad air an slaodadh gu Stèisean nam Mucan-mara far an robh iad air an giullachd gus biadh chruidh agus todhar a dhèanamh.

Ann an 1922 cheannaich Morair Leverhulme e agus bha e a' planadh ola a thoirt à mucan mara airson a chleachdadh ann am Port Sunlight agus feòil airson isbeanan a bha e a' dol, a chur a-null thairis a dh'Afraga. Nuair a dh'fhàillig seo, bha e a' planadh feòil nam mucan-mara a smocadh agus a chur a-null thairis dhan Chongo. Dh'fhàillig seo cuideachd agus cha do lean an obair ach airson ùine ghoirid an dèidh a bhàs ann an 1925.

Anns na 1950an, dh'ath-fhosgail Nirribheach CaipteanJespersen an stèisean. Bha e a' fastadh 50 neach agus bha e ag obrachadh airson dà bhliadhna mus do dhùin e uile gu lèir.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Stèisean nam Mucan-mara, Bun Abhainn Eadarra

INBHIR NIS: Na Hearadh

2000an

sealg nam muc-mhara; iasgach; giullachd; sealg

Clare Maclean

'S e an similear àrd breige na tha air fhàgail de Stèisean nam Mucan-mara ann am Bun Abhainn Eadarra anns Na Hearadh. Chaidh a stèidheachadh le companaidh Nirribheach ann an 1904. Bha a' mhòr-chuid de na mucan-mara air an glacadh mun cuairt air Rocal, Hiort agus na h-Eileanan Flannach agus an uair sin bha iad air an slaodadh gu Stèisean nam Mucan-mara far an robh iad air an giullachd gus biadh chruidh agus todhar a dhèanamh.<br /> <br /> Ann an 1922 cheannaich Morair Leverhulme e agus bha e a' planadh ola a thoirt à mucan mara airson a chleachdadh ann am Port Sunlight agus feòil airson isbeanan a bha e a' dol, a chur a-null thairis a dh'Afraga. Nuair a dh'fhàillig seo, bha e a' planadh feòil nam mucan-mara a smocadh agus a chur a-null thairis dhan Chongo. Dh'fhàillig seo cuideachd agus cha do lean an obair ach airson ùine ghoirid an dèidh a bhàs ann an 1925.<br /> <br /> Anns na 1950an, dh'ath-fhosgail Nirribheach CaipteanJespersen an stèisean. Bha e a' fastadh 50 neach agus bha e ag obrachadh airson dà bhliadhna mus do dhùin e uile gu lèir.