Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais Cholm Cille ann an Aiginis
EXTERNAL ID
PC_MACLEAN_HARRIS&LEWIS09_09
ÀITE
Aiginis
SGÌRE
Leòdhas
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Steòrnabhagh
DEIT
7 An t-Iuchar 2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Clare Maclean
NEACH-FIOSRACHAIDH
Clare Maclean
AITHNEACHADH MAOINE
29232
KEYWORDS
eaglaisean
togalaichean
tobhtaichean
uaighean
cladhan
naomhan
creideamh
St Columba's at Aignish

Thathar a' creidsinn gun do stèidhich an Naomh Catan, a bha beò aig an aon àm ri Colm Cille, cill ann an Aiginis ann an Eilean Leòdhais. Chaidh na togalaichean a th' ann a-nis a thogail sa 14mh linn, ach nach deach an togail aig an aon àm. Chaidh an eaglais ainmeachadh air Colm Cille agus tha diofar ainmean oirre leithid Eaglais (Aoidh) Cholm Cille agus Eaglais na h-Aoidhe.

Bha i na h-eaglais Easbaigich gu 1829 nuair a chaidh eaglais eile a thogail le Tòmas Telford aig àm nuair a bha Clèireachd shoisgealach Albannach a' sìor sgaoileadh air feadh nan eilean. Chaidh togalach na h-eaglaise a dholaidh agus tha bleith talmhainn leis a' mhuir ga cur ann an cunnart.

Tha an cladh aig Eaglais na h-Aoidhe na àite-tiodhlacaidh airson mu naoi-deug de Chinn-cinnidh Chlann 'Ic Leòid Leòdhais agus nam measg tha Ruairidh MacLeòis VII, an ceann-cinnidh mu dheireadh air na Leòdaich, a bhàsaich ann am 1498.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais Cholm Cille ann an Aiginis

ROS: Steòrnabhagh

2000an

eaglaisean; togalaichean; tobhtaichean; uaighean; cladhan; naomhan; creideamh

Clare Maclean

Thathar a' creidsinn gun do stèidhich an Naomh Catan, a bha beò aig an aon àm ri Colm Cille, cill ann an Aiginis ann an Eilean Leòdhais. Chaidh na togalaichean a th' ann a-nis a thogail sa 14mh linn, ach nach deach an togail aig an aon àm. Chaidh an eaglais ainmeachadh air Colm Cille agus tha diofar ainmean oirre leithid Eaglais (Aoidh) Cholm Cille agus Eaglais na h-Aoidhe. <br /> <br /> Bha i na h-eaglais Easbaigich gu 1829 nuair a chaidh eaglais eile a thogail le Tòmas Telford aig àm nuair a bha Clèireachd shoisgealach Albannach a' sìor sgaoileadh air feadh nan eilean. Chaidh togalach na h-eaglaise a dholaidh agus tha bleith talmhainn leis a' mhuir ga cur ann an cunnart. <br /> <br /> Tha an cladh aig Eaglais na h-Aoidhe na àite-tiodhlacaidh airson mu naoi-deug de Chinn-cinnidh Chlann 'Ic Leòid Leòdhais agus nam measg tha Ruairidh MacLeòis VII, an ceann-cinnidh mu dheireadh air na Leòdaich, a bhàsaich ann am 1498.